Buaireadh nan comataidhean ionaltraidh a' leantainn

Caoraich

Rinn an fheadhainn a bha air Comataidh Ionaltraidh Mhangurstaidh càineadh às ùr air Coimisean na Croitearachd.

Thuirt an Coimisean Diciadain gun robh iad air coinneamhan a chur air dòigh le seann bhuill chomataidhean Mhangurstaidh agus Chuil Uaraich ann an Leòdhas.

Ach thuirt croitearan Mhangurstaidh gur e sin a' chiad turas a chuala iad mu choinneamh.

Tha connspaid air a bhith a' cuairteachadh a' choimisein sna beagan sheachdainnean a dh'fhalbh.

Ann an cùisean fa leth chuir an coimisean comataidhean ionaltraidh Chuil Uaraich agus Mhangurstadh às oifis.

Chuir an coimisean buill comataidh Mhangurstaidh a-mach às an dreuchdan 's iad a' fàgail orra nach robh na cunntasan a dh'iarr iad air an sgrùdadh anns an dòigh cheart.

Tha seann bhuill na comataidh ag ràdh gu robh na cunntasan mar bu chòir agus gun do choilean iad a h-uile iarrtas aig a' choimisean.

Thuirt iad cuideachd gun do dh'iarr an coimisean na cunntasan às dèidh don chomataidh gearain a dhèanamh mun dòigh san do làimhsich an coimisean coinneamh leis na croitearan an-uiridh.

Tha iad a-nis ag ràdh gu bheil iad a' dol gu Cùirt an Fhearainn.

Cuiridh iad tagradh a-steach chun na cùirteach an ath-sheachdain.

Constabal ionaltraidh

Tha seann chomataidh ionaltraidh Mhangurstaidh cuideachd air gearain mun dòigh san do làimhsich an coimisean buaireadh sa bhaile aca-san.

Chaidh a' chomataidh sin a chur ma sgaoil san Dùbhlachd an dèidh dhan choimisean co-dhùnadh a dhèanamh ann am fàbhar croiteir gun robh e airidh air roinn de dh'airgead na comataidh.

Thuirt na buill gun deach an cur a-mach às oifis ged a bha iad air gabhail ris a' cho-dhùnadh agus ged a phàigh iad an t-suim a chaidh iarraidh orra.

Tha constabal ionaltraidh ann an àite ann an sin an-dràsta airson sgrùdadh a dhèanamh air na thachair.

Thathas fhathast a' feitheamh ri co-dhùnadh an rannsachaidh sin.

Dleastanas

Às dèidh seachdainnean de chasaidean agus slaicean nan aghaidh thuirt an coimisean Diciadain nach do rinn iad-san càil ach feuchainn ri taic a thoirt do chomataidhean ionaltraidh airson an dleastanas laghail aca a choileanadh.

Thuirt iad gu robh iad air coinneamhan a chur air dòigh nas fhaide air a' mhìos le croitearan ann an Mangurstadh agus Col Uarach.

Thuirt an coimisean gun robh iad cuideachd airson a dhèanamh soilleir gun robh iad airson comataidhean ionaltraidh agus clàrcan baile a chuideachadh le a bhith gan riaghladh fhèin taobh a-staigh laghan croitearachd.

Airson sin a dhèanamh thuirt iad gun robh e cudromach gun robh luchd-earrainnean nam bailtean a' tuigsinn nan diofar dhleastanasan a th' air comataidhean ionaltraidh agus clàrcan.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Murchadh MacIllFhinnein a' bruidhinn air Aithris na Maidne

Thuirt fear de na coimiseanairean, Murchadh MacIllFhinnein, gu feumadh daoine riaghailtean nam bailtean a leantainn.

"Sann le luchd nan earrainnean, seach a' chomataidh, a tha airgead a' bhaile agus tha sinn a' dèiligeadh ris a sin, chan ann a mhàin san dà bhaile sin, ach anns a' choimhearsnachd chroitearachd gu lèir.

"Se croitearan a th'unnainn fhìn, a' chuid as motha againn, agus chan eil sinne an aghaidh croitear sa bith.

"Ach sa phrìomh àite tha sinn a' dèiligeadh ri luchd nan earrannan sna bailtean agus chan eil sinne a' dol a chantainn càil mu a h-uile càil a chaidh air adhart gus am bruidhinn sinn ri na daoine a tha sin an toiseach, 's iad na daoine as cudtromaiche dhuinn mar choimisean a bhith a' dèiligeadh riudha," thuirt Mgr MacIllFhinnein.

Comhairle laghail

Ach ann am brath-naidheachd oidhche Chiadain, thuirt an fheadhainn a bha air comataidh Mhangurstaidh nach do dh'aontaich iad a dhol gu coinneimh agus nach robh iad fiùs air cluinntinn gu robh coinneamh gu bhith ann.

"Seo eisimpleir eile de dhol a-mach mì-phroifiseanta a' choimisein," thuirt iad.

Thuirt na croitearan, ma gheibh iad cuireadh, gun gabh iad comhairle laghail air am biodh e iomchaidh dhaibh a dhol ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo