Iomairt 'son sgeama haidro ùir an Siorrachd Rois
- Air fhoillseachadh
Thòisich muinntir Loch Bhraoin ann an Siorrachd Rois an Iar a' cruinneachadh airgid airson sgeama ùr haidro a thogail san sgìre.
Tha iad an dòchas £900,000 a thogail tro bhith a' reic earrainnean san sgeama.
Gu ruige seo tha Buidheann Coimhearsnachd Ath-Nuadhachail Loch Bhraoin air £25,000 a thogail airson na sgeama.
'S e uisge bho Allt a' Mhuilinn a bhios a' dol tro choille gu Abhainn Bhraoin a bheir cumhachd dhan sgeama.
Tha a' bhuidheann an dòchas gur iad muinntir na sgìre a chuireas an t-airgead ris a' phròiseact le bhith a' ceannach earrainnean san sgeama agus na ceudan mhìltean notaichean fhathast a dhìth orra.
Thathar an dòchas gum faigh iad an t-airgead a tha a dhìth orra tro na h-earrainnean mus tig an cothrom an ceannach gu ceann san Lùnasatal.