Fearg mu sheirbheis aiseig Armadail

MV Coir' Uisg'
Image caption Bha an MV Coir' Uisge air an t-slighe bho 2003 gu am bliadhna-sa.

Dh'iarr luchd-iomairt ann an Slèite san Eilean Sgitheanach gum fàgadh Àrd-stiùiriche Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, Màrtainn Dorchester, a dhreuchd 's iad ag ràdh gu bheil seirbheis aiseig na sgìre na bhùrach am-bliadhna.

Chaidh iarraidh cuideachd aig coinneimh ann an Slèite Diaciadain gun deidheadh an MV Coir' Uisg' a chur air ais air an t-slighe eadar Armadal agus Malaig.

Dh'innis CalMac san Faoilleach gu robh iad a' cur seòlaidhean a bharrachd - le barrachd rùm - air an t-slighe eadar Armadal agus Malaig tro mhìosan an t-samhraidh.

Airson sin agus atharrachaidhean eile air an lionra a chuir an sàs thug iad an MV Coir Uisg' far na slighe agus chuir iad trì bàtaichean eile ann na h-àite.

Ach chaidh na bàtaichean sin a dhealbhadh ann an dòigh eadar dhealtaichte agus chan urrainn do dhà dhiu ceangal ris a' chidhe nuair a bhios muir-tràigh ann.

A thuilleadh air a sin chaidh grunn sheirbheisean a chuir dheth ri linn na gaoithe.

Seòlaidhean

Tha Fòram Còmhdhail Shlèite ag ràdh gur e dìreach dà sheòladh a-mach à 428 seòlaidhean a chaidh a chuir dheth sa Ghiblean 2015 nuair a bha an MV Coir' Uisg' air an t-slighe.

Am bliadhna-sa tha iad ag ràdh gun deach 56 seòlaidhean a-mach à 516 a chuir dheth eadar an 25mh den Mhàirt agus an 23mh den Ghiblean.

Ma thèid seirbheis aiseig a chuir dheth tha aig luchd-siubhail ann am Malaig turas 114 mìle a dhèanamh air an rathad airson an t-Eilean Sgitheanach a ruighinn agus tha 20 mìle eile ann ma tha iad a' dèanamh air Armadal.

Thuirt Prionnsabal Sabhal Mòr Ostaig, Boyd Robasdan, gun d'thug am maill sna seirbheisean buaidh orra-san gu sònraichte aig àm na Càisge nuair a bha oileannaich aig a' cholaiste airson cùrsaichean goirid.

Tha Mgr Robasdan air pàipear ullachadh anns a bheil freagairtean bho chuid a bha air na cùrsaichean agus a thàinig bho air feadh Bhreatainn agus nas fhaide air falbh.

"Bha iad ag innse dhomh mu na trioblaidean a bh'aca an dàrna cuid a' tighinn neo a' falbh agus gum b'fheudar dhaibh a dhol timcheall taobh a' Ghearasdain agus taobh na drochaide airson faighinn an seo rud ris nach robh dùil aca - feadhainn a bha air tighinn air trèana gu Malaig agus nach fhaigheadh air ais air an trèana à Malaig aig deireadh na seachdainn, agus an leithid sin, dìreach trioblaidean agus daoine ag ràdh, uill, chan eil fhios 'am an tig mi suas as t-samhradh air sgàth a mhì-chinnt a th'ann leis na h-aiseigean agus cuideachd 's dòcha an ath Chàisge dh'fheumainn a bhith nas cinntiche gum faigh mi ann agus air ais gu dìreach.

"Tha feadhainn a' falbh airson plèanaichean fhaighinn agus goireasan siubhail eile agus tha iad an urra ri aiseagan fhaighinn airson faighinn gu na goireasan siubhail eile a tha sin agus tha mì-chinnt dìreach a' bualadh orra fad an t-siubhail.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e sin an rud as motha a tha a' dèanamh damaiste nach eil daoine cinnteach gu bheil seirbheis gus a bhith ann, nach eil bàta gu bhith ann anns na h-uairean air an deach a chuir sa chlàr agus nach bi iad ann air sgàth adhbharan gu math cearbach na'r beachd-ne, nach eil an làn freagarrach agus an leithid sin," thuirt Mgr Robasdan.

Riaghladair

A thuilleadh air an àrd-stiùiriche Màrtainn Dorchester, dh'iarr luchd-iomairt a chruinnich ann an Slèite Diciadain gum fàgadh Stiùiriche Gnìomhach ChalMac, Drew Collier, a dhreuchd cuideachd.

"Tha iad air butarrais a dhèanamh dhan t-seirbheis samhraidh, na h-aisgeagan eadar Malaig agus Armadal, agus bhiodh e ceàrr gum biodh daoine mar sin le uallach a bhith a' ruith seirbheis.

"Tha iad air iad fhèin a shealltainn mur tha am bliadhna neo-chomasach air a bhith a' toirt seirbheis chuimseach seachad ann an seo.

"Tha iad-san air an deagh phàigheadh airson companaidh a ruith, 's iad-san aig deireadh an latha a tha os cionn na companaidh, 's iad-san a tha ag radh ri Comhdhail na h-Alba gu bheil iad comasach air bàtaichean a chuir air an t-slighe a bhios a' ruith gu cunbhalach agus chan eil sin a' tachairt, agus mar sin feumaidh daoine mar sin coimhead riudha fhèin agus tuigsinn nach eil iad math gu leòr airson a bhith a' ruith seirbheis phoblach cho cudthromach ri seo," thuirt Mgr Robasdan.

Tha an luchd-iomairt ag iarraidh gun tèid an MV Coir Uisg', a chaidh a thogail a dh'aona ghnothach airson na seirbheis seo, a chuir air ais air an t-slighe cho luath sa ghabhas.

Tha Mgr Robasdan cuideachd a' moladh gum biodh riaghaldair ann airson seirbheisean aiseig, coltach ri mar a th'ann airson seirbheisean rèile agus bus.

Dh'innis CalMac dhan BhBC roimhe gun robh iad a' cumail sùil gheur air an t-seirbheis seo.

Thuirt iad gun robh àrdachadh air a bhith ann air àireamhan an luchd-cleachdaidh sa chiad cheala-deug den t-seirbheis shamhraidh, an taca ris an aon àm an-uiridh.

Dh'aidich iad gun robh, agus gum biodh, an làn a' toirt buaidh air seirbheisean, ach gum b' urrainn siud a làimhseachadh, agus gun robh fhathast barrachd sheòlaidhean, le barrachd rùm air na h-aiseagan, air a bhith ann an taca ris an aon àm an-uiridh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo