Earrainnean sgeama haidro gan reic

Loch Bhraoin Image copyright Undiscovered Scotland

Tha muinntir Loch Bhraoin air taobh siar Rois air tòiseachdainn air airgead a chruinneachadh airson sgeama ùir haidro a thogail san sgìre.

Thathas an dòchas £900,000 a thogail tro bhith a' reic earrainnean san sgeama.

Gu ruige seo, tha Buidheann Coimhearsnachd Ath-Nuadhachail Loch Bhraoin air £25,000 de na tha a dhìth orra a thogail airson na sgeama.

'S e uisgeachan bho Allt a' Mhuillinn a bhios a' sruthadh tro choille dha Abhainn Bhraoin a bheir cumhachd dhan sgeama.

Tha a' bhuidheann an dòchas gur iad muinntir na sgìre a chuireas an t-airgead ris a' phròiseact le bhith a' ceannach earainnean san sgeama, agus còrr air £800,000 fhathast a dhìth orra.

Thathas an dòchas gum faigh iad an t-airgead a tha a dhìth orra tro na h-earrainnean mus dùin cothrom an ceannach san Lùnasatal.