Bhòtadh air tòiseachadh an taghadh na h-Alba

  • Air fhoillseachadh
Stèisean bhòtaidhTùs an deilbh, PA

Tha bhòtadh air tòiseachadh san taghadh son pàrlamaid na h-Alba, 's na stèiseanan bhòtaidh gu bhith fosgailte eadar 07:00 is 22:00.

Tha mu cheithir millean neach clàraichte son bhòtadh agus thèid 129 buill a thaghadh son na pàrlamaid.

Seo a' chiad turas a gheibh daoine 16 agus 17 bliadhna a dh'aois cothrom bhòtadh ann an taghadh na pàrlamaid Albannaich.

Tha dùil gun tòisich fiosrachadh mu bhuil a' bhòt tighinn a-steach mu 02:00 Dihaoine agus an fheadhainn mu dheireadh tron an latha dihaoine.

Còigeamh taghadh

'S e seo an còigeamh taghadh son Pàrlamaid na h-Alba bhon a chaidh a stèidheachadh ann an 1999.

Bhòt 50.4% den t-sluagh aig an robh cothrom bhòtaidh san taghadh mu dheireadh ann an 2011.

Tha dùil gum faodadh am figear a bhith nas àirde am bliadhna, 's tòrr dhaoine air bhòtadh tron phost.

Tha an taghadh seo a' cleachdadh Siostam Bhall a bharrachd, a tha a' ciallachadh gum bidh daoine a' faighinn dà bhòt airson:

  • BPA sgìreil a thaghadh nuair a gheibh an àireamh as motha de bhòtaichean anns gach 73 roinn phàrlamaid
  • 56 buill roinneil, seachd airson gach mòr-roinn ann an Alba - ochd dhiubh sin, a-rèir nam bhòtaichean son gach pàrtaidh tro shiostam riochdachadh co-roinneil.

Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ag amas air an treas riaghaltas aca an sreath a chèile.

Tha na Làbaraich, na Tòraidhean agus na Librealaich Dheamocratach uile a' cur tagraichean air adhart anns na 73 roinnean pàrlamaid.