Cathraiche ùr Bòrd-stiùiridh SMO
- Air fhoillseachadh

Chaidh Éadaín Ní Mháille ainmeachadh mar chathraiche ùr Bòrd-stiùiridh Sabhal Mòr Ostaig.
Tha Éadaín a' gabhail thairis bhon Mhorair Minginis, Ruaraidh Iain MacLeòid, a leig dheth a dhreuchd aig deireadh 2015.
Na dreuchd proifeiseanta mar thidsear, tha i air obrachadh ann an Alba, Èirinn, a' Bheilg agus anns an Eadailt.
Thòisich i na h-urrasair agus na ball dhen bhòrd ann an 2007.
Tha i air a bhith na h-iar-cathraiche bho 2010.
'S ann bho theaghlach Ghaeilge ann an Conn na Mara, ann am Poblachd na h-Èireann a tha Éadaín agus thogadh i ann am Baile Àth Cliath.
A' bruidhinn mu a dreuchd ùr thuirt Éadaín: "Tha mi mothachail agus moiteil dhen onair a tha air a bhuileachadh orm ri linn m' ainmeachadh mar Chathraiche Bhòrd-stiùiridh an t-Sabhail Mhòir.
"Ach is è dùbhlan a th'ann cho math ri onair.
"Nì mi mo dhìcheall ach am bi am bòrd a' cumail taic ri obair sgioba an t-Sabhail Mhòir, a' dealbhachadh slighe romhainn a leigeas leis a' cholaiste àite a ghabhail ann an leasachadh cànain, cultar agus caitheamh-beatha nan Gàidheal agus a' cur ri obair sgoilearachd na Gàidhlig ann an Alba agus nas fharsainge," thuirt i.
Chaidh innse cuideachd gur e Aonghas MacLeòid, fear-lagh à Inbhir Nis, iar-chathraiche ùr a' bhùird.
Tha Aonghas na cho-phàirtiche stiùiridh aig a' chompanaidh Wright, Johnston & Mackenzie LLP, a tha ag obair gu sònraichte air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan.
Tha e na bhall de Chomunn Rìoghail nan Ealan agus bhuannaich e am Bonn Òr aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis ann an 2014.