Poilis a' dìon siostam ùr nan ionadan-stiùiridh

Ionad-stiùiridh Image copyright Thinkstock

Tha ceannard ùr Roinn na Gàidhealtachd 's nan Eilean de Phoilis na h-Alba air a bhith a' dìon atharrachaidhean connspaideach san dòigh anns a bheil iad gu bhith a' dèiligeadh ri brathan 999 anns a' cheann a tuath.

Fon t-siostam ùr a thèid a chuir an sàs nas fhaide air a' bhliadhna cha bhi ionadan-stiùiridh Inbhir Nis agus Obair Dheathain a' dèiligeadh ri brathan fòn 999 agus 101 tuilleadh.

An àite sin thèid brathan fòn bho dhaoine sa cheann a tuath a fhreagairt ann an Glaschu, Tobar nam Mathair neo Bilston Glen, agus ma tha e iomchaidh oifigearan poilis a chuir a-mach thèid na brathan sin a chur troimhe gu ionad-stiùiridh sgìre Dhùn Dè.

Tha an t-Àrd-superintendent Philip MacRath air a bhith ag obair thar na trì bliadhna mu dheireadh airson nan atharrachaidhean seo a chuir an sàs.

Thuirt e gum faod earbsa a bhith aig sluagh na Gàidhealtachd snan Eilean nach tèid dìmeas a dhèanamh air an t-seirbheis a tha iad a' faighinn.

"Tha mi airson a bhith soilleir, tha an obair a tha a' dol air adhart ann an seòmar-stiùiridh ag atharrachadh, chan eil an seòmar a' dùnadh.

"Thèid obair-stiùiridh an ionaid a ghluasad gu Dùn Dè ach bi goireas againn fhathast ann an Inbhir Nis agus bi an aon àireamh dhaoine ag obair ann, mur a bi barrachd taobh a-staigh na Gàidhealtachd snan Eilean.

"A thaobh na seirbheis a tha air a thabhann, tha sinn a' cumail na seirbheis airson a' phobaill taobh a-staigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean tro ionad-stiùiridh Inbhir Nis.

"Chanainn-se gu bheil seirbheis mhath againn airson an àm ri teachd agus bu chòir do inntinn dhaoine a bhith aig fois gu bheil sinn gu bhith a' tabhann an aon ìre sheirbheis sa bha sinn air a bhith a' tabhann thuige seo," thuirt Mgr MacRath.

Thàinig e am bàrr an t-seachdain-sa gun robh dìth luchd-obrach anns na h-ionadan-stiùiridh a' ciallachadh gu robh an àireamh de bhrathan-fòn 101 ris an do dhèilig oifigearan a' chinn a tuath 10% nas ìsle na ann an sgìrean eile dhen dùthaich.

Thuirt Polais Alba gu robh iad air ceumanan a ghabhail airson fuasgladh fhaighinn air an seo.