Oidhche an taghaidh

Às dèidh còig bliadhna den phàrlamaid mu dheireadh, seachdainean de dh'iomairt agus latha bhòtaidh, chan fheum sinn feitheamh ach beagan uairean a bharrachd mus bi fios againn cò a bhitheas anns a' Phàrlamaid ùir.

Aig an ìre-sa, chan eil againn ach ceistean.

Tha cuid - cò am pàrtaidh as motha, cò am prìomh mhinistear - a' coimhead nas soilleire.

Ach tha cuid eile fada nas duilghe fhreagairt - cò an dàrna pàrtaidh as motha? Am bi mòr-chuid aig an riaghaltas ùr? An cuir na pàrtaidhean nas lugha ris na tha aca anns an t-seòmar?

Thig na freagairtean tron oidhche agus tron mhadainn.

Anns an eadar-àm, bidh sinne air Radio nan Gàidheal le gach pìos fiosrachaidh nuair a thig e.

TUILLEADH 2335

Cuid de na fathannan tràtha.

Is coltach gu bheil na Làbaraich an dùil gun caill iad gach suidheachan sgìreil a tha aca ann an Glaschu.

Nam measg, tha suidheachan Johann Lamont ann am Pollock - ged a bhiodh dùil gum faigheadh Ms Lamont air ais air an liosta agus i anns an dàrna àite air cùl Anas Sarwar air liosta nan Làbarach ann an Glaschu.

Tha earbsa aig na Lib Deamaich gun glèidh iad an dà shuidheachan aca anns na h-Eileanan mu Thuath, agus tha misneach aig na Tòraidhean gun bi iadsan sàbhailte ann an ERB, anns na Crìochan.

Ach tha ERB agus Sealtainn a-measg nan sgìrean as sàbhailte a tha ann - is e oidhche fìor mhath don SNP a bhiodh ann nan d'rinneadh iad a' chùis an sin.

Mar sin, chan eil càil nas soilleir - tha dùil ris na ciad thoraidhean ceart mu 0200.

TUILLEADH 0035

Is coltach gu bheil pàirteachas anns an taghadh seo suas o 2011 ged nach ruig e ìre reifreann 2014.

Tha figearan bho Àrcaibh agus bhon Ruadh Ghleann a' sealltainn àrdachaidh a dh'fhaodadh diofar mòr a dhèanamh don toradh.

Ach cò gheibh a' bhuannachd?

Tha dùil ris a' chiad toradh anns an Ruadh Ghleann a dh'aithghearr agus tha an SNP an sin a' creidsinn gu bheil e aca.

Cuideachd tha Tom Docherty, seann bhall-pàrlamaid Westminster agus tagraiche Làbarach air liosta Fìofa ag ràdh nach do dh'obraich seasamh a' phàrtaidh air cìsean idir.

Ach, tha e ag ràdh gu feum Kezia Dugdale fuireach - ''airson an ath thogail''.

TUILLEADH 0135

Chan eil ach dà thoradh againn fhathast ach tha cùisean a' fàs nas soilleire mean air mhean.

An toiseach, ann an Àrcaibh, chuir Liam MacArtair gu mòr ri bhòt nan Lib Deamach, a' sealltainn nach tug connspaid Alasdair MhicIlleMhìcheil droch bhuaidh air a chàirdean anns na h-Eileanan mu Thuath.

Tha barrachd fianais de na thachras anns a' chòrr den dùthaich, anns an toradh bhon Ruadh Ghleann.

Feumaidh Seumas Kelly feitheamh airson toradh an liosta às dèidh mar a fhuair Clare Haughey a' chiad sgìre ùr den oidhche don SNP.

Deagh naidheachd cuideachd do na Tòraidhean agus iad air cur ris a' bhòt - agus, is dòcha, adhbharan dòchais airson nan Lib Deamach.

Chan eil a leithid sin ann do na Làbaraich idir - mar chuir Anas Sarwar e, is e "oidhche fhada" a tha romhpa.

TUILLEADH 0250

Chan eil teagamh ann ach gur e oidhche air leth a tha seo do na Tòraidhean.

A bharrachd air soirbheachas Jackson Carlaw a' faighinn sgìre Eastwood air ais do na Tòraidhean, tha am pàrtaidh a' cur gu mòr ris a' bhòt aca air feadh na dùthcha.

Ma thachras an aon rud air an liosta, cuiridh iad ris a' bhuidhinn aig Holyrood cuideachd.

Tha Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, làn dòchais gur iad na Tòraidhean a gheibh an dàrna àite gu nàiseanta.

Tha na h-àireamhan seo a' dearbh oidhirp Ruth Davidson gan cur air adhart mar fhìor luchd-dìon an Aonaidh, teachdaireachd a dh'obraich, tha e coltach, ann an sgìrean a bha air leth fuar do na Tòraidhean bho chionn bhliadhnaichean.

Agus mar as fheàrr a dh'fhàsas cùisean do na Tòraidhean is ann as miosa do Kezia Dugdale agus na Làbaraich.

TUILLEADH 0400

Aig an ìre-sa, tha an SNP air cur ris na bha aca de shuidheachain ann an 2011, a' fàgail gur coltach gu bheil iad air an t-slighe gu mòr-chuid eile.

Chan eil cùisean builleach cho sìmplidh ge-tà.

Chaill na nàiseantaich Fìofa an Ear Thuath do na Lib Deamaich ann an toradh mìorbhaileach do Willie Rennie agus an dà mhuic bhig phlastaig na làimh.

Tha an SNP air a bhith a' call bhòtaichean cuideachd do na Tòraidhean - seall na thachair ann an Sìorrachd Pheairt far an d'rinn Murchadh Friseal adhartas mòr ged a ghlèidh Iain Swinney an suidheachan.

An e na tha sinn a' faicinn gu bheil an dà phàrtaidh sin a' dèanamh adhartais mar thoradh air an t-seasamh shoilleir a tha aca air a' cheist nàiseanta?

Feumaidh sinn feitheamh airson toradh nan liostaichean mus bi freagairt againn.

TUILLEADH 0445

Abair oidhche do Ruth Davidson.

Cha shoilleir gum faigh sinn bhòt an liosta gur iad an dàrna pàrtaidh as motha anns a' Phàrlamaid ùir.

Ach fhuair i a' bhuaidh bhon cheathramh àite ann an Meadhan Dùn Èideann - abair toradh.

Toradh fìor mhath eile do na Lib Deamaich ann an Dùn Èideann an Iar.

Rinn na Làbaraich a' chùis air an ann an Dùn Èideann a Deas - sgìre Iain Mhoirich

Ach tha an SNP air naoi sgìrean fhaighinn bho na Làbaraich air feadh meadhan na h-Alba.

DEIREADH 0700

Tha Alba ag èirigh ri toradh taghaidh fada nas inntinniche na an iomairt a thàinig roimhe.

Mar a bha dùil, is e an SNP a tha gu bhith anns an riaghaltas, le Nicola Sturgeon mar phrìomh mhinistear - ach chan shoilleir fhad 's a sgrìobhas mi am bi mor-chuid aca.

Chan eil teagamh ge-tà ach gun robh fìor dheagh oidhche aig na Tòraidhean, a' buannachadh ann an grunn sgìrean agus a' cur ris a' bhòt aca air feadh na dùthcha.

As bith an gabh na Tòraidhean an dàrna àite bhuapa - agus aig an ìre-sa, is coltach gun gabh - is e oidhche uabhasach eile a bha seo do na Làbaraich, agus tha ceistean domhainn romhpasan.

Bha adhbharan dòchais aig na Lib Deamaich, adhartas aig na h-Uainich ach gun ghuth thuige seo bho UKIP.

An t-àm ann do gach duine stad agus smaoineachadh mu na tha a-nis air fàire.