Caidreachas gun earbsa sa Choimisean

Coimisean na Croitearachd

Bhòt coinneamh shònraichte de Chaidreachas Croitearachd na h-Alba nach eil earbsa aca ann an Coimisean na Croitearachd.

Cho-dhùin a' choinneamh ann an Ulapul cuideachd gun cuir iad gearain foirmeil gu Coimisean nan Inbhean Poblach.

Tha seo a' leantainn air mar a chuir an Coimisean dà chomataidh ionaltraidh ann an Leòdhas a-mach à oifis.

Chaidh iarraidh aig a' choinneimh cuideachd gun dèan Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh air dòighean obrach Fear-Gairm a' Choimisein.

Thathas a' feitheamh air beachd bho Chomisean na Croitearachd.