Plana Marine Harvest 'son Loch Baghasdail

Bradan Image copyright Thinkstock

Dh'fhoillsich a' chompanaidh bhradan Marine Harvest plana leasachaidh airson na làraich aca ann an Loch Baghasdail.

Ma thèid leotha tha dùil ri còig obraichean ùra ann an sin.

Chan eil cùisean ach aig ìre gu math tràth ach tha a' chompanaidh an dòchas cuid de na cèidsichean faisg air Loch Baghasdail air taobh sear Uibhist a Deas a ghluasad gu taobh eile Eilean Chalbhaigh.

Tha iad airson seo a dhèanamh agus iad ag iarraidh dà chèidse a bharrachd a chur an sàs.

Chan urrainn dhaibh sin a dhèanamh, tha e coltach, far a bheil na cèidsichean an-dràsta.

A thuilleadh air cothrom barrachd bhradan àrach bidh a' chompanaidh a' sireadh tuilleadh obrach-obrach.

Thuirt Marine Harvest gum bi iad a' cur feum air còignear eile, le sin thèid an sgioba aca ann an Loch Baghasdail a leudachadh bho 13 gu 18.

Tha a' chompanaidh an-dràsta aig ìre far a bheil iad a' bruidhinn ri luchd-dealbhachaidh a thaobh dè am fiosrachadh a bhios a dhìth airson cead fhaighinn.

Tha aca fhathast ri conaltradh a dhèanamh leis na h-iasgairean.

Chan eil ach dà mhìos bho chaidh 80 de dh'obraichean Marine Harvest ann an Alba a ghearradh.

Chaill dithis ann an Uibhist an cosnadh an uairsin.

Ma gheibh am plana cead-dealbhachaidh dh'fhaodadh nach tèid an leasachadh air adhart gu an ath-bhliadhna, neo fiù 's 2018.

Tuilleadh air an sgeulachd seo