Luchd-fianais tubaiste air an A87 gan sireadh

Tubaist air an A87 Image copyright Jas per Image

Tha na Poilis ag iarraidh air luchd-fianais a thighinn air adhart às dèidh mar a chaidh fear motar-baidhsagail às a' Bheilg a ghoirteachadh gu dona ann an tubaist aig deireadh na seachdaine.

Tha am fireannach, 55, ìosal anns an ospadal às dèidh na tubaiste faisg air Taigh-òsta Chluanaidh air an A87.

Bha e còmhla ri buidhinn a bh' air tuaras an ceann a tuath na h-Alba.

Bhuail am motar-baidhsagail aige agus Mazda gorm na cheile mu 4:50f Disthairne.

Cha deach duine a bh' anns a' chàr a ghoirteachadh.

Thuirt neach-labhairt bho Phoilis Alba: "Tha oifigearan bho Ionad Poilis nan Rathaidean sa Ghearasdan a' rannsachadh na cùise agus tha iad ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic na thachair, 's nach eil air bruidhinn ris na Poilis fhathast, fios a chur thuca."