Fiachan de £800M aig Comhairle na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
Tha figearan ùra a' sealltainn gu bheil fiachan de £800M aig Comhairle na Gàidhealtachd.
Tha aithisg, a thèid mu choinneimh na Làn-Chomhairle Diardaoin, cuideachd a' dèanamh dheth gun ruig làn-ìre-iosaid an ùghdarrais ionadail £1bn an ath-bhliadhna nuair a thèid uallaichean ionmhais na Comhairle air fad, leithid sgeamaichean togail sgoiltean PPP, a chur ris an fhigear.
Thuirt ceannardan na Comhairle gun urrainn dhaibh na fiachan a ghiùlain agus gum feum iad airgead fhaighinn air iosad airson nithean leithid pròiseactan rathaid a thoirt air adhart.
Tha obair a' tòiseachadh an-dràsta air Ceangal-rathaid Taobh Siar Inbhir Nis.
Tha dùil gun cosg sin mu £55m.