Gearain mu bhuaidh loidhne dealain ùir

Àrach Blàr Chuil Odair Image copyright Graham Hogg/Geograph

Dh'fhaodadh loidhne dealain ùr a tha san amharac eadar a' Ghàidhealtachd agus Siorrachd Obair Dheathain fìor-dhroch mhilleadh a dhèanamh air an àrainneachd mu chuairt air Àrach Bhlàr Chùil Lodair agus làraichean eachdraidheil eile, a rèir Urras Nàiseanta na h-Alba.

Tha a' chompanaidh SSE ag iarraidh an loidhne dealain aca eadar a' Mhanachainn, an Tulach Dhubh agus Ceann an Todhair a leasachadh le loidhne ùr anns am bi crainn 50 meatar de dh'àirde.

Thuirt an t-Urras gu bheil dragh mòr orra mu na planaichean leis gum bi na crainn dealain gu math follaiseach bho làrach a' bhlàir, agus bho làraichean eachdraidheil eile leithid Chaisteil nam Friseileach agus Talla Lìte ann an Siorrachd Obair Dheathain.

A thaobh na buaidhe air Cùil Lodair thuirt neach-measaidh oighreachdan an Urrais, Mìcheal Sedgwick, gum biodh trì loidhnichean dealain mòra a' dol tron ghleann 's gun ach mìle eatorra, ma thèid am pròiseact air adhart.

"Chan urrainn dhuinn taic a thoirt dhan t-seòrsa rud a tha seo.

"Tha mi a' tuigsinn gu bheil dà loidhne mar thà deas air Àrach Bhlàr Chùil Lodair, agus le t-èile, a tha nas motha, bhiodh buaidh mhòr aige sin air a' chruth-tìre.

"Tha coltas ann gu bheil slighe a' chàbaill mu thrì cilemeatair deas air an làraich, agus 's dòcha dà chilemeatair bho Chùirn Chlabhalaig, sin an t-astar air a bheil sinn a' bruidhinn.

"Le cruth-tìre na sgìre chìthear nithean mìltean air falbh bho àiteachan leithid a' bhlàir," thuirt Mgr Sedgwick.

Thog cuid de mhuinntir na Gairbhich, ann an Siorrachd Obar Dheathain, dragh an t-seachdain a chaidh mun sgeama 's iad mì-thoilichte gum bi an loidhne faisg air Beinn na Cìche.

Tha dragh orra gum mill an loidhne ùr bòidhchead an àite ann an sin cuideachd.

Cha deach slighe na loidhne ùire a dhearbhadh fhathast ach tha SSE air innse càite san fharsainneachd a tha dùil aca a cur.

Tuilleadh air an sgeulachd seo