Taghadh Chupa na Camanachd

Pàirc a' Bhucht

Theid an taghadh a dhèanamh an-diugh 'son an dàrna chuairt de Chupa na Camanachd.

Bidh sgiobaidhean na Prìomh Lìge a' tighinn a-steach aig an ìre seo den fharpais.

Còmhla riutha, bidh a' Mhanachainn, Inbhir Aora, Celtic an Òbain, Cill Mhàillidh, Obar Dobhair, Cabair Fèidh, Gleann Urchaidh, Taigh an Uillt is Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

Bidh cuid de na duaisean as ainmeile ann an spòrs na h-Alba an làthair aig an taghadh aig Taigh-òsta a' Phalace ann an Inbhir Nis.

A bharrachd air Cupa na Camanachd fhèin, bidh cuideachd na duaisean mòra bhuill-coise a tha an-dràsta a' còmhnaidh air a' Ghàidhealtachd.

Bhuannaich Caley Thistle Cupa na h-Alba ann an 2015 is thog Ross County Cupa na Lìge am-bliadhna.