Lòbhat is am Baile Ùr an Cupa na Camanachd

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Iain MacRisnidh bho Lòbhat, còmhla ri Roy MacGriogair bho Ross County is Kenny Camshron bho Chaley Thistle.

Bidh Lòbhat an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh san dàrna chuairt de Chupa na Camanachd.

Bheir an geama còmhla na sgiobaidhean a bhuannaich Cupa na Camanachd agus a' Phrìomh Lìog ann an 2015.

Tha coltas ann cuideachd gum bi dearbaidh Loch Abair ann, agus An Gearasdan air an taghadh an aghaidh Chill Mhàillidh no Obar Dobhair.

Bidh na Sgitheanaich air falbh an aghaidh Thaigh an Uillt no Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

Chaidh an taghadh a dhèanamh madainn Diluain ann an Inbhir Nis.

Duaisean

Bha cuid de na duaisean as ainmeile ann an spòrs na h-Alba an làthair aig an taghadh aig Taigh-òsta a' Phalace.

A bharrachd air Cupa na Camanachd fhèin, bha cuideachd na duaisean mòra bhuill-coise a tha an-dràsta a' còmhnaidh air a' Ghàidhealtachd.

Bhuannaich Caley Thistle Cupa na h-Alba ann an 2015 is thog Ross County Cupa na Lìge am-bliadhna.

Bidh na geamaichean san dàrna chuairt de Chupa na Camanachd ann an 28mh den Chèitean.

Bidh a' chuairt dheireannach sa Ghearasdan an 17mh den t-Sultain.

Bha an taghadh air fad mar a leanas;

Cupa na Camanachd - An Dàrna Cuairt

Cabair Fèidh - Ceann Loch Seile

An Gearasdan - Cill Mhàillidh / Obar Dobhair

Lòbhat - Baile Ùr an t-Slèibh

Caol Bhòid - Celtic an Òbain

Ceann a' Ghiuthsaich - Loch Abar

Taigh an Uillt / Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - Camanachd an Eilein Sgitheanaich

A' Mhanachainn - Inbhir Aora

Camanachd an Òbain - Gleann Urchadain

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile