Cruinneachadh litreachais Ghàidhlig a-nis air-loidhne

An t-Àrd-Oll. Dòmhnall MacFhionnghain Image copyright Other
Image caption Chruinnich an t-Àrd-Oll. MacFhionghain an t-uabhas de leabhraichean Gàidhlig.

Chaidh cruinneachadh mòr de sgrìobhadh Ghàidhlig bho iomadh bliadhna a chur air-loidhne.

Dh'fhoillsich Oilthigh Dhùn Èideann a h-uile gin de chòrr air 1,200 leabhar a chruinnich Dòmhnall MacFhionghain - a' chiad àrd-ollamh air Roinn Ceiltis ann an Alba.

"'S e cruinneachadh mìorbhailleach a tha seo. Fear de na seudan ann an leabharlann Oilthigh Dhùn Èideann," thuirt an Dtr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart.

"Tha fhios agam gu bheil muinntir an leabharlainn uabhasach pròiseil às a' chruinneachadh.

Na Daoine Beaga

"Am fear a rinn an cruinneachadh, b' e an t-Oll. Dòmhnall MacFhionghain, a' chiad ollamh Ceilteach ann na Alba air fad.

"À Colbhasa bho thùs. Sgoilear a bh' ann, agus sàr-sgrìobhadair Gàidhlig.

"Ach 's e cuideachd fear den luchd-cruinneachaidh leabhraichean Gàidhlig a bu mhotha a bh' ann riamh.

"Bha e dìreach air a dhòigh a' ceannach leabhraichean Gàidhlig.

"Tha dìreach saibhreas de stuth ann, de dh'iomadach seòrsa.

"Às a' chruinneachadh a rinn MacFhionnghain, 's ann a dh'fhoillsich e leabhar air a bheil an tiotal Laidean Typographia Scoto-Gadelica.

"'S e sin clàr sònraichte, clàr mìorbhailleach, den a h-uile leabhar Gàidhlig a chaidh a chlo-bhualadh suas chun na bliadhna san deach e fhèin a chur a-mach, 1914, a' bhliadhna a bhàsaich MacFhionghain fhèin.

"Ach 's e rud a tha sònraichte mun chruinneachadh a tha seo aig Oilthigh Dhùn Èideann - agus tha e dìreach ceum air thoiseach air cruinneachadh sam bith eile air feadh an t-saoghail a thaobh leabhraichean Gàidhlig - 's e sin, chan e a-mhàin gum faigh sinn leabhraichean ann, ach gheibh sinn stuth beag cuideachd, leithid leabhrain, leithid bhileagan Gàidhlig.

"Dìreach 's dòcha pìosan pàipear air am faigh sinn pìos bàrdachd, no òran, no searmonn, no tràchdas mar eisimpleir.

"Rudan a tha gu math luachmhor dhuinne an-diugh, o chionn, ged a tha e coltach gu leòr gum bi leabhraichean a' mairsinn, gu math tric thèid na pìosan pàipear a tha sin a thilgeil a-mach aig deireadh an là.

"Ach bha MacFhionghain a' tuigsinn dìreach cho luachmhor 's a tha na pìosan beaga pàipeir a tha siud, o chionn tha iad a' sealltainn mar a thèid Gàidhlig a chleachdadh ann am beatha làitheil.

"Tha e mìorbhailleach gu bheil e air-loidhne.

"Faodaidh sinn coimhead tarsainn air na bàird mhòra. Air na sgrìobhadairean ainmeil. Agus faodaidh sinn coimhead air na daoine beaga cuideachd. Dè bha na daoine beaga a' sgrìobhadh? Dè bha iad a' foillseachadh?

"Agus gu math tric, an stuth a tha iad a' foillseachadh, tha e tòrr nas "sluaghaile". Tha e tòrr nas fhaisge air cainnt an t-sluaigh na na sgrìobhaidhean mòra urramach a bhiodh a' tighinn a-mach anns na leabhraichean mòra.

"Tha mi a' moladh dha duine sam bith, ma tha ùidh agaibh ann an litreachas na Gàidhlig aig gach ìre, feuch gun toir sibh sùil air a' chlàr a tha seo," thuirt e.