Dortadh ceimigeach an taigh-staile
- Published
image copyrightPeter Moore/Geograph
Chaidh an luchd-obrach a thoirt a-mach à taigh-staile ann am Moireibh Diluain an dèidh dortadh ceimigich.
Dh'iarr na Poilis air na h-uimhir de dhaoine a tha a' fuireach faisg air làimh na dachannan aca fhàgail cuideachd.
Chuireadh fios air na seirbheisean èiginn gu Taigh-staile Longmorn, faisg air Eilginn, mu 12:45f.
Thuirt Poilis Alba nach deach duine a ghoirteachadh.
Thuirt Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba gu bheil sgiobannan aca fhathast a' dèiligeadh ris a' chùis.