Dealbh air fhoillseachadh an dèidh ionnsaigh air trèana

Dealbh CCTV Image copyright Poilis Còmhdhail Bhreatainn

Dh'fhoillsich Poilis Còmhdhail Bhreatainn dealbh CCTV de dh'fhireannach 's iad a' tuigse gur dòcha gum bi fiosrachadh aige mu ionnsaigh a chaidh a thoirt air fear-reic-thiocaidean air trèana eadar Inbhir Pheofharain agus Drochaid Sguideil Dihaoine an 1mh den Ghiblean.

Thachair an ionnsaigh mu 8:20f air seirbheis 7:28f eadar Àird Ghaoithe agus Inbhir Nis.

Thàinig an duine a tha san dealbh far an trèana aig Drochaid Sguideil.

Thuirt na poilis gu bheil e eadar 25-30 bliadhna a dh'aois, tana, le falt goirid donn, agus mu chòig throighean agus ochd òrlach a dh'àird.

Bha blas cainnt na sgìre air.

Chuir an Constabal Matt O'Neill, a tha os cionn an rannsachaidh, ìmpidh air duine sa bith a tha ag aithneachadh an duine san dealbh fios a chuir thuca.

'S urrainnear fios a chuir gu Poilis Còmhdhail Bhreatainn air 0800 40 50 40 neo tro a bhith a' cur teacsa gu 61016.

'S urrainnear cuideachd fios a chuir, gun a bhith a' fàgail ainm, gu a' chathrannas neo-eisimeileach Crimestoppers air 0800 555 111.