Geama mòr dhan Ghleann

Gleann Urchadain is Ceann a' Ghiuthsaich
Image caption Gleann Urchadain is Ceann a' Ghiuthsaich ann an Cupa na Camanachd ann an 2014.

Feuchaidh Gleann Urchadain ri lasair a chur san t-seusan aca Disathairne nuair a chluicheas iad Baile Ùr an t-Slèibh ann an Chupa MhicThàmhais.

'S e cothrom a th' ann dhan dà sgioba a' chiad chuairt dheireannach den t-seusan a ruighinn.

Choinnich iad sa chuairt dheireannaich an-uiridh, is an Gleann a' soirbheachadh 3-1.

B'e sin a' chiad turas nan eachdraidh fhada a bha iad air Cupa MhicThàmhais a thoirt air ais dhan Ghleann.

Bha e buileach tlachdmhor dhaibh, shaoileadh tu, às dèidh dhaibh sreath de chuairtean deireannach a chall.

Nam measg, bha dà phronnadh ann an 2014, 5-1 an aghaidh Lòbhait ann an Cupa MhicThàmhais, is 4-0 an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich ann an Cupa na Camanachd.

Gàirdeachas

Chaidh gàirdeachas a dhèanamh sa Ghleann, mà-tha, nuair a rinn iad an gnothach air a' Bhaile Ùr, is 's iad a bha airidh air.

Cha deach cho math dhaibh fon uairsin, is suarach cho math sa tha iad air an seusan a thòiseachadh.

Tha an Gleann san dàrna àite bhon bhonn, is droinneadh uamhasach 7-0 an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh am measg nan geamaichean lìge a chaill iad.

Chan ann a-mhàin a' feuchainn ri grèim a chumail air Cupa MhicThàmhais a bhios iad aig an Eilean Disathairne, ma-thà, ach ag amas air sealltainn nach e a' chuairt dheireannach an-uiridh an là mòr mu dheireadh ann an linn cho math sa bha aig sgioba a' Ghlinne.

Bidh gu leòr eile a' dol ann an saoghail na h-iomain Disathairne.

San iar-chuairt dheireannaich eile ann an Cupa MhicThàmhais, bidh Loch Abar an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich.

Deas

Aig deas, bidh Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal aig an taigh an aghaidh Inbhir Aora san iar chuairt dheireannaich den Chupa Cheilteach.

Tha GMA aig mullach na Lìge Nàiseanta ach tha Inbhir Aora air togail orra bho chionn beagan sheachdainnean, is cuid de na seòid aca air tilleadh gus na cluicheadairean òga san sgioba a chuideachadh.

Geama teann san amharc aig Yoker.

Tha geamaichean inntinneach sa Phrìomh Lìog cuideachd.

Bhuannaich na Sgitheanaich geama 'son a' chiad turas air an t-seusan seo an t-seachdain sa chaidh, a' cur Ghlinne Urchadain a-mach à Cupa MhicAmhlaidh ann an Druim na Drochaid.

Bidh iad ag amas air togail air sin an t-seachdain seo is Lòbhat a' tadhal air Pàirc nan Laoch.

Caochlaideach

Tha sunnd sgioba Iain MhicRisnidh car caochlaideach thuige seo, is chan eil adhbhar sam sam bith nach fuirich na puingean ann am Port Rìgh.

Shìos an rathad sa Chlachan Aillseach, tha cothrom aig Camanachd an Òbain gluasad air thoiseach air càich san lìog ma gheibh iad dà phuing bho Cheann Loch Seile.

'S e deuchainn a bhios seo dhan Òban, ge-tà, is na Seilich air Caol Bhòid a chumail aig 2-2 an t-seachdain seo chaidh.

Bidh Caol Bhòid fhèin ag amas air sin a chur air an cùlaibh le buaidh nuair a chluicheas iad an Gearasdan, a tha aig bonn na lìge, aig an Àird Disathairne.

Tha fìor dhùbhlan aig dàrna sgioba nan Sgitheanach ann an Cupa an t-Suthurlanaich, is iad an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh.

'S e am Baile Ùr dàrna sgioba cho math sa tha anns an spòrs, is gu dearbh 's iad a thog an cupa seo an-uiridh

Bidh na Leòdhasaich nan tàmh an t-seachdain seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile