Soidhne Chomhairle na Gàidhealtachd
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu fhiachan Comhairle na Gàidhealtachd

10 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh ann mun ìre fiachan a th'air Comhairle na Gàidhealtachd.

A rèir aithisg a thèid air am beulaibh an t-seachdainn-sa tha dùil gun tèid an t-suim thairis air billean not, le pròiseactan leithid sgoiltean PPP gan gabhail a-steach.

Tha amharas air cuid a-nis nach tèid aig a' chomhairle air sin a phàigheadh, ach tha ceannardan ag ràdh gun gabh.

Seo Eileen NicDhòmhnaill.