Taigh-staile coimhearsnachd ceum air adhart

  • Air fhoillseachadh
Deoch làidir

Tha an sgioba a tha air cùlaibh phlanaichean 'son a' chiad taigh-staile coimhearsnachd ann an Alba air £500,000 a chruinneachadh airson a' phròiseict.

Tha Comann Maith Coimhearsnachd Taigh-staile Ghleann Uais ag obair còmhla ris a' bhuidhinn Earrannan Coimhearsnachd na h-Alba agus iad a' feuchainn ri còrr is £1.5m a thionnal airson na sgeama.

Dheadh an taigh-staile a thogail air tuathanas air iomall Inbhir Pheofharain.

'S ann leis a' choimhearsnachd a bhios e gu tur agus thèid a ruith le cumhachd ath-nuadhachail.

Dh'fhaodadh gun tòisichear a' togail an taigh-staile san Ògmhìos.

Tha e mar amas aig a' chomann gum bi uisge-beatha aca deiseil airson Oidhche Bhurns, an 25mh den Fhaoilleach 2017.

Thuirt an tuathanach Iain MacCoinnich, a tha an sàs san sgeama, nach eil am pròiseact mu thaigh-staile a-mhàin.

Tha e ag ràdh gur e cothrom a th' ann do luchd-earrainnean sòisealta cuideachadh ann a bhith a' toirt spionnaidh do bhaile Inbhir Pheofharain.