Leudachadh eaglaise air taobh sear Rois
- Air fhoillseachadh

Tha coithional den Eaglais Shaoir air taobh sear Rois air fàs uimhir agus gu bheil iad air seann togalach NHS a cheannach airson eaglais nas motha a thogail air an làraich.
Cheannaich Coithional Bhaile Dhubhthaich agus Mhanachainn Rois seann ionad-slàinte air Rathad Scotsburn ann am Baile Dhubhthaich 'son còrr is £100,000 agus tha dùil aca eaglais gu tur ùr a thogail sna bliadhnaichean ri teachd.
Thuirt ministear a' choithionail, an t-Urr. Alasdair MacAmhlaigh gu bheil an àireamh dhaoine a tha a' frithealadh nan seirbheisean air madainn na Sàbaid air èirigh bho 60 gu 90, uaireanan gu 100, sna beagan bhliadhnachan mu dheireadh.
"Tha rum san eaglais airson 120 duine, ma thèid na suidheachain air fad a chleachdadh, ach fiù 's mar a tha cùisean an-dràsta tha e duilich dha teaghlaichean àite fhaighinn far as urrainn dhaibh suidhe còmhla," thuirt e.
Bheachdaich an coithional air diofar roghainnnean, leithid a bhith a' leagail an togalaich a th' aca an-dràsta agus fear ùr a thogail na àite.
Bheachdaich iad cuideachd air ionad bus agus seann dachaigh-cùraim a cheannach.
Aig a' cheann thall cheannaich iad seann Ionad-slàinte Bhaile Dhubhthaich.
Tha 0.66 acair san làraich agus tha àite gu leòr ann airson carbadan.
Chan eil i ach 100 meatair air falbh bho far a bheil an eaglais an-dràsta.
Planaichean
"Tha sinn a' smaoineachadh gur e làrach air leth freagarrach a th' ann leis gu bheil i gu math faisg air meadhan a' bhaile.
"Chan eil fhios againn fhathast dè a tha sinn a' dol a leagail agus dè a thèid a chumail.
"Tha pìosan den togalach nach eil ach 20 bliadhna de dh'aois," thuirt Mgr MacAmhlaigh.
Tha aig a' choithional a-nis ri airgead a thogail airson na h-obrach agus ailtirean agus luchd-togail fhastadh airson togalach a dhealbhachadh a bhios freagarrach dhaibh.
Tha coithional Bhaile Dhubhthaich agus Mhanachainn Rois a' gabhail a-steach sgìre far an do chleachd còig coithionalan a bhith.
Thàinig coithional Mhanachainn Rois còmhla ri Baile Dhùbhthaich bho chionn còig bliadhna 's e bàn, le àireamh gu math iosal a' dol ann air an t-Sàbaid.
Bidh còrr is 50 a' dol ann a-nis, mòran chloinne nam measg.
Airson dèiligeadh ri sin chaidh pìos ùr a chur ris an talla bho chionn ghoirid.
Chaidh a' chuid as motha den obair sin a dhèanamh le luchd-ciùird sa chiothional airson na cosgaisean a chumail aig ìre.