Leudachadh an ADS ga rannsachadh

Itealan

Tha sgrùdadh ùr ga dhèanamh air a bhith ag ath-stèidheachadh Sgeama Lasachaidh nam Faraidhean Adhair do luchd-gnothachais agus luchd-obrach bhuidhnean poblach.

'S iad com-pàirteachas còmhdhail na Gàidhealtachd, HiTrans, a th' air an sgrùdadh a choimiseanadh, a choimhead ri buanachdan agus cosgaisean a bhiodh an lùib sin a dhèanamh.

Bheireadh an sgeama lùghdachadh air cosgaisean siubhail gu coimhearsnachdan eileanach agus coimhearsnachdan ann an sgìrean dùthchail iomallach air Tìr Mòr.

Chaidh an sgeama a thoirt a-steach ann an 2006 le Riaghaltas na h-Alba gus buanachd a thoirt do luchd-siubhail gnothachais agus neo-choimearsalta ann an coimhearsnachdan a tha a' crochadh air ceanglaichean adhair, ach chaidh a chuingealachadh do luchd-siubhail neo-choimearsalta còig bliadhna an dèidh sin.

An dèidh ghearainnean ge-tà, dh'aontaich an Riaghaltas an sgeama a thoirt air ais do luchd-gnothachais a tha ag obair san treas roinn.

An-uiridh, leudaich an Riaghaltas an lasachadh a gheibheadh daoine bho 40% gu 50% de chosgais an t-siubhail aca.

Tha HiTrans airson 's gun tèid an sgeama a leudachadh gu luchd-gnothachais air fad agus luchd-obrach ùghdarrasan ionadail, a thuilleadh air luchd-siubhail prìobhaideach, agus 's e amas an sgrùdaidh ùir a choimiseinich iad faicinn dè cho coltach 's a bhiodh sin.

Thèid coimhead cuideachd ri mar a ghabhadh an sgeama a mhaoineachadh san àm ri teachd, nan deadh a leudachadh.