Airgead ga thogail airson Mòd nan Eilean Siar

Steòrnabhagh

Chan eil ann ach còig mìosan gus am bi am Mòd Nàiseanta Rìoghail anns na h-Eileanan an Iar, agus tha Comataidh Mòd Ionadail nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh adhartais mhath leis an ullachadh.

Tha iad air sreath thachartasan fhoillseachadh 'son airgead a thogail.

"Tha sinn an ìre mhath cofhurtail gu bheil sinn a' dol a ruighinn an amais a bh' againn bho thùs, air £30,000 a thogail," thuirt cathraiche na comataidh ionadail, Tormod Dòmhnallach.

"Tha sin a bharrachd air an ionmhas a chuir a' Chomhairle an sàs ann a bhith a' toirt a' Mhòid air ais dha na h-Eileanan.

"Tha sinn a' tighinn nas fhaisge 's nas fhaisge air sin, agus tha sinn a' smaoineachadh, leis na tachartasan a th' againn thairis air na trì no ceithir de mhìosan a tha romhainn, gum bi sinn air an t-slat-tomhais a tha sin a ruighinn," thuirt e.

'S e seo an t-siathamh turas a bhios am Mòd Nàiseanta Rìoghail air a bhith sna h-Eileanan Siar, ach bidh cùisean caran eadar-dhealaichte am-bliadhna seach bliadhnaichean roimhe.

"Tha rudan ann a th' air a thighinn a-steach dhan Mhòd thairis air na dhà no thrì bhliadhnaichean a th' air a dhol seachad a bha ùr dhan Mhòd," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Tha caismeachd ann, aig toiseach-tòiseachaidh a' Mhòid, agus an uair sin am fosgladh oifigeil a' leantainn dìreach às dèidh sin.

"Bidh sin na rud ùr dhan Mhòd anns na h-Eileanan. Cha robh sin ann cheana.

"Agus bidh sinn a' dèanamh nan rudan àbhaisteach cuideachd, a thaobh crìochnachadh a' Mhòid, far am bi na còisirean gu lèir a' tighinn ri chèile, agus far am bi tachartas ann an sin mu thimcheall air crìochnachadh a' Mhòid cuideachd.

"Ach eadar an dà cheann-là sin tha tòrr mòr ri dhèanamh. Chan e a-mhàin na farpaisean fhèin agus iomall a' Mhòid, ach bidh tachartasan eile a' gabhail àite eadar Uibhist, na Hearadh agus Steòrnabhagh," thuirt e.

Mar phàirt den iomairt airgead a thogail airson a' Mhòid, thèid grunn thachartasan a chumail thar an t-Samhraidh.

"Air an t-seachdain seo, tha Cabraich, tha tachartas gu bhith aca anns an taigh-tasgaidh ann an Steòrnabhagh. Tha sinn air an 13mh den Chèitean," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Agus bidh oidhche bhingo ann an Talla MhicGuaire ann am Borgh air an 21mh là den Chèitean.

"Agus tha cèilidh is dannsa ann an Ionad Leac an Lì anns na Hearadh Dihaoine an 27mh là den Chèitean.

"Bidh ceòl is fealla-dhà gu leòr an sin cuideachd. Agus a-rithist tha sinn a' dèanamh brot is mìlsean air a' 4mh là den Ògmhìos ann an Talla Coimhearsnachd Bhreascleit, agus tha sinn a' gluasad a-mach taobh a-muigh baile Steòrnabhaigh agus tha daoine air a bhith gu math taiceil a thaobh sin gu ruige seo.

"Ach tha tòrr a bharrachd air sin a' tachairt eadar meadhan na h-Ògmhìos agus an t-Sultain," thuirt e.

Tha feum cuideachd air daoine a bhios deònach cuideachadh le bhit a' ruith a' Mhòid.

"Chan eil ach an t-seachdain a chaidh bho sgaoil sinn fiosrachadh ag iarraidh air daoine a bhiodh deònach a bhith nan stiùbhardan a thighinn air adhart," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Feumaidh sinn thairis air an t-seachdain gu lèir tha mi a' smaoineachadh gu math còrr air ceud, 's dòcha suas ri dà cheud stiùbhard ma gheibh sinn iad," thuirt e.

Airson fiosrachadh sam bith mu na tachartasan a tha gu bhith dol eadar seo agus an Dàmhair, neo ma bhios ùidh agaibh ann a bhith nad stiùbhard, fònaibh chun a' Chomainn Ghàidhealaich air 01851 703 487.