Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Thog còignear a bha aig aon àm nan àrd-rùnairean air NATO dragh mun bhuaidh air tèarainteachd nam fàgadh Breatainn an t-Aonadh Eòrpach. Ann an litir anns an Daily Telegraph tha iad ag ràdh gun dèanadh sin cron air NATO, agus gun toireadh e misneachd do nàimhdean an taobh siar.

Thuirt an t-seann rùnaire chaibineit, Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn, gun do chuir a' Ghearmailt smachd gu ìre mhòir air na dh'iarr Dàibhidh Camshron na chòmhraidhean air ballrachd Bhreatainn anns an AE. Thuirt Mgr Donnchadh Mac a' Ghobhainn gun tàinig air a' Phrìomhaire plana airson casg air in-imreachd a Bhreatainn a leigeil às, leis gun do chuir a' Ghearmailt na aghaidh. Thuirt Sràid Downing gun do ghabh Mgr Camshron an co-dhùnadh as fheàrr airson slighe air adhart.

Thèid an iomairt oifigeil Albannach airson Breatainn a chumail anns an Aonadh Eòrpach a chur air bhonn ann an Dùn Èideann an-diugh. Aig an dearbh àm tha seann leas-cheannard an SNP, Jim Sillars, ag iarraidh air nàiseantaich bhòtadh an aghaidh an AE.

Munich

Thug duine le sgìthinn ionnsaigh air luchd-siubhail aig stèisean rèile faisg air Munich anns a' Ghearmailt anns a' mhadainn an-diugh. Chuir poilis an duine, a tha 27 bliadhna de dh'aois, an grèim aig stèisean Grafing. Chaochail fear den fheadhainn air an deach ionnsaigh a thoirt, agus tha triùir eile anns an ospadal.

Col Uarach

Chuir Coimisean na Croitearachd constabal ionaltraidh às Inbhir Narann os cionn chùisean ann an Col Uarach ann an Leòdhas. Chuir an Coimisean comataidh ionaltraidh Chuil Uaraich ma sgaoil air a' mhìos a chaidh, agus iad a' fàgail air a' chomataidh an sin nach do chùm iad cunntas ceart air cùisean an ionmhais aca. Thuirt an Coimisean gum bi an constabal ionaltraidh ann gus an tèid cùisean a chur ceart.

Cùil Lodair

Tha dragh air Urras Nàiseanta na h-Alba gum mill loidhne dealain ùr raon eachdraidheil bhlàr Chùil Lodair, faisg air Inbhir Nis. Tha SSE ag iarraidh cead crainn anns a bheil 50 meatar de dh'àirde a chur eadar a' Mhanachainn agus Ceann Todhair ann an Siorrachd Obar Dheathain. Ach tha an t-Urras Nàiseanta ag iarraidh orra an loidhne sin a chur fon talamh.