Dachaighean do dh'fhògarraich Shirianach
- Air fhoillseachadh
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad deiseil airson dachaigh a thoirt do cheithir teaghlaichean Sirianach a tha a' sireadh comraich.
Aig a' cheann thall tha an t-ùghdarras ionadail air àiteachan còmhnaidh a thabhann do eadar 25 agus 30 teaghlach a tha a' teicheadh bhon chogadh ann an Siria.
Coltach ri ùghdarrasan Albannach eile, tha iad air a bhith ag obair còmhla ri buidhinn riochdachaidh nan comhairlean Albannach, COSLA.
Thèid na teaghlaichean a chur a dh'Alanais ann an Siorrachd Rois.
Thuirt ceannard na Comhairle, Màiread NicDhaibhidh, gun robh iad toilichte gun robh iad a-nis deiseil airson fàilte a chur air fògarraich Shirianach.
"Cho-dhùin sinn, agus na buidhnean a tha ag obair còmhla rinn, gur e Alanais an sgìre a b' fheàrr leis gu bheil taigheadas, sgoiltean agus taic slàinte ri fhaotainn cuide ri goireasan eadar-theangachaidh," thuirt i.
'S iad Oifis na Dùthcha agus Roinn an Leasachaidh Eadar-nàiseanta a tha a' giùlain cosgais a bhith a' toirt dachaighean do dh'fhògarraich air feadh na Rìoghachd Aonaichte.
Tha Comhairle Fhògarrach na h-Alba air trèanadh a chur air dòigh airson luchd-obrach agus dha daoine a tha ag obair gu saor-thoileach agus a bhios a' cur fàilte air agus ag obair còmhla ri teaghlaichean Sirianach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 5 An Gearran 2016