Aonta eadar Tuath-Gaoithe na Mòighe 's Mars
- Published
Tha a' chompanaidh a tha air cùl tuath gaoithe ùr air Ghàidhealtachd air a thighinn gu aonta le companaidh theoclaid a thaobh dealan airson nam factaraidhean aca.
Tha an t-aonta eadar Mars agus Eneco agus tha e co-cheangailte ri Tuath Gaoithe na Mòighe faisg air an A9 deas air Deimhidh ann an Siorrachd Inbhir Nis.
Tha dùil gum bi fichead crann-gaoithe san sgeama agus gum bi e a' cruthachadh 60 megawatt de dhealan.
Bhiodh sin co-ionnan ri 100% den dhealan a tha a dhìth airson an dusan factaraidh a th' aig Mars san Rìoghachd Aonaichte a chumail a' dol.
Mairidh an com-pàirteachas deich bliadhna.
Tha an t-aonta mar phàirt de dh'oidhirp na companaidh teoclaid a bhith càrbon-chothromach ro 2040.
Tha tuathan-gaoithe aig Eneco ann an Alba mar thà.
Le 69 megawatt 's e tuath-gaoithe Loch Luinncheirt an iar-thuath air Inbhir Pheofharain an tuath-gaoithe as motha a th' aca air tìr.
Tha sgeama 22.5 megawatt aca ann an Inbhir Ùige ann an Gallaibh.
Tha iad cuideachd a' feuchainn ri tuath-gaoithe 54 megawatt a thogail ann an Sgìre Aonghais ann an co-bhanntachd le Uisge na h-Alba.