Teine monaidh mòr an Dùthaich MhicAoidh

Tha luchd-smàlaidh a' strì an aghaidh teine monaidh mhòir faisg air Tunga ann an Dùthaich MhicAoidh.

Loisg an teine suas ri seachd cileamatar ceàrnagach timcheall air Beinn Bhlanndaidh.

Dh'innis Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba gun deach an gairm chun na làraich mu 7:30f Dimàirt.

Tha còig pumpaichean aig na sgiobannan a tha an làthair, agus tha iad a' feuchainn ris an teine a chumail air falbh bho dhachannan dhaoine.