Ceann-là CAP ga shìneadh
- Air fhoillseachadh

Tha chun a' 15mh là den Ògmhìos aig tuathanaich agus croitearan iarratasan a chur a-steach airson taic-airgid CAP.
Seo an dàrna bliadhna sreath a chèile a chaidh an ceann-là airson airgid Eòrpaich a ghluasad air ais air sàilleamh thrioblaidean le siostaman coimpiutaireachd an Riaghaltais.
Chuir Riaghaltas na h-Alba an ceann-là sa Chèitean air ais aon mhìos an dèidh iarrtais bho NFU na h-Alba airson barrachd ùine.
Thuirt an t-aonadh ged a tha an suidheachadh nas fheàrr am-bliadhna, gu bheil duilgheadasan aig cuid de bhuill fhathast, agus iad fhathast a' feitheamh an fhiosrachaidh a tha a dhìth orra.
Tha an NFU a' cur ìmpidh air na buill aca foirmichean a lìonadh cho luath 's a ghabhas gus nach eil dàil air iarrtasan, agus gun urrainn do luchd-obrach dèiligeadh ris gach cùis fa leth.