Goireasan turasachd gan leasachadh

Hùisinis Image copyright Tom Pullman/Geograph

Tha planaichean ann gus goireasan do luchd-turais a leasachadh ann an Hùisinis, an ceann a tuath na Hearadh.

Tha Urras Cheann a Tuath an Hearadh a' faighinn taic air a shon bho Chomhairle nan Eilean Siar.

"Tha sinn toilichte gu bheil Comhairle nan Eilean Siar air taic a thoirt dhan phròiseact, agus fhuair sinn a-mach gu bheil iad air 50,000 a thairgsinn dhuinn airson nan goireasan a tha sinn an dòchas a chur air adhart ann an Hùisinis," thuirt Calum MacAoidh aig an Urras.

"Bidh tuilleadh airgid a dhìth oirnn. Tha am pròiseact air fad a' cosg £270,000, agus tha sinn a' cur iarrtasan a-steach gu buidhnean eile.

"Ach tha sinn uabhasach toilichte gu bheil a' Chomhairle air an ceum a tha seo a thoirt sa chiad dol-a-mach.

"Tha Hùisinis uabhasach tarraingeach do luchd-turais.

"'S e an aon àite ann an ceann a tuath na Hearadh far a bheil tràighean, sa chiad dol-a-mach.

"Agus tha mòran luchd-turais a' dol sìos an sin, gu h-àraid tro mhìosan an t-Samhraidh.

"Chan eil mòran ghoireasan ann an Hùisinis fhèin, agus chan eil mòran ghoireasan air an rathad sin, eadar Ceann an Ora agus Hùisinis.

"Tha sinn an dòchas na goireasan a th' ann a thoirt air adhart.

"Tha sinn a' dol a chur air dòigh nan taighean-beaga a th' ann, agus frasadairean, agus cuideachd gum bi barrachd àiteachan parcaidh airson chàraichean ann.

"Agus gum bi àite far am faod bhanaichean campachaidh fuireach air an oidhche. Tha sin gu bhith air taobh a-muigh a' bhaile, dìreach suas an rathad bìdeag bheag bhon bhaile.

"Tha sinn an dòchas mar sin pàirt den luchd-turais a bhios ann a thoirt a-mach às a' bhaile fhèin, agus nach bi uiread de dhaoine a' fuireach thar na h-oidhche anns a' bhaile fhèin.

"Tha na h-iarrtasan eile againn a' dol a-steach gu LEADER agus gu Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus aig a' cheann thall bidh an t-Urras fhèin a' cur a-steach airgid ris a' phròiseact cuideachd.

"Bhiodh sinn an dòchas, thar na trì no ceithir mìosan a tha romhainn gum faigheamaid freagairt air ais mu dheidhinn nan iarrtasan eile a tha a' dol a-steach airson tuilleadh airgid.

"Agus mar sin 's dòcha ro dheireadh an t-Samhraidh gum bi 's dòcha an t-airgead air fad againn air a tharraing ri chèile, agus gum bi sinn comasach air 's dòcha pàirt den obair a tha seo a dhèanamh," thuirt e.