Taic don Ghàidhlig ga h-iarraidh
- Air fhoillseachadh
Chleachd Modràtair Eaglais na h-Alba seirbheis bheannachadh na Pàrlamaid an-raoir gus taic iarraidh dhan Ghàidhlig.
Bha buill na Pàrlamaid agus riochdairean bho dhiofar chreideamhan - am measg eile - an làthair aig an t-seirbheis aig Cathair-Eaglais an Naomh Giles ann an Dùn Èideann.
Bha am Prionnsa Teàrlach, Diùc Bhaile Bhòid, an làthair.
Airson a' chiad uair riamh, chaidh beannachadh daonaireachd a thoirt mar phàirt den t-seirbheis.
'S e an an t-Urr. Calum MacLeòid a bha os cionn na seirbhies, le Modaràtair Eaglais na h-Alba, am Fìor-Urr. Aonghas Moireasdan a' toirt seachad an t-searmoin.
Dh'iarr e na shearmon air na bha an làthair taic a chur ris a' Ghàidhlig.
Thuirt e gu bheil e a' guidhe air na buill gun dèan iad na 's urrainn dhaibh gus taic a thoirt do "rud a tha air leth cugallach agus prìseil ann an dualchas agus beatha na h-Alba - a' Ghàidhlig".