North Coast 500 ga mholadh

  • Air fhoillseachadh
Gleann FhionnghainTùs an deilbh, Walter Baxter/Geograph

Thuirt an comhairliche Abrach, Tòmas MacIllinnein, gum bu chòir do phàirtean eile den Ghàidhealtachd ionnsachadh bho shlighe rathaid North Coast 500, agus an aon rud a chur air dòigh dhaibh fhèin.

Chaidh an t-slighe a stèidheachadh an-uiridh, is e a' stiùireadh luchd-turais bho Inbhir Nis dhan chosta a tuath is air ais tro Thaobh Siar Rois.

Tha gnìomhasan ag ràdh gun tug e togail dhaibh.

Tha Calum Mac a' Ghobhainn, a tha a' fuireach sa Ghearasdan, den bheachd gum faodadh e feum a dhèanamh ann an Loch Abar.

Aiseagan

"Rud sam bith a bheir daoine suas chun nan sgìrean mu thuath an sin, tha sin math dha-rìribh," thuirt e.

"An toiseach bha mi ag ràdh rium fhìn, uell, chan obraich e shìos an seo, bhon, tha tòrr de na rathaidean a tha shìos an seo - cuairt-shlighean - dh'fhuemadh tu aiseag a phàigheadh airson a dhol timcheall orra.

"Agus mar sin chan eil fhios agam dè cho math 's a bhiodh e.

"Ach às dèidh sin bha mi a' smaoineachadh, uell, tha aon rathad mar seo. Tha aon chuairt-shlighe ann a dh'fhaodadh iad a ghabhail.

"'S e sin falbh às a' Ghearasdan, agus a dhol suas an rathad mar gum biodh iad a' dol a Mhalaig, seachad air Gleann Fhionnghain, ruigidh iad Loch Àilleart, agus dheadh iad chun na làimhe ceàrr ann an Loch Àilleart agus agus sìos gu Sròn an t-Sìthein.

"Nuair a ruigeadh iad Sròn an t-Sìthein dh'fhaodadh iad a dhol chun na làimhe ceart agus a dhol a-mach chun an taigh-solais ann an Àird nam Murchan.

"Dh'fheumadh iad an uair sin tilleadh air ais gu Sròn an t-Sìthein, agus a thighinn tarsainn gu far a bheil an aiseag eadar Àird Dhobhair agus Omhanaich an sin.

"An àite a thighinn tarsainn air an aiseig, dh'fhaodadh iad cumail a' dol suas taobh Loch Linne, agus a thighinn a-mach a-rithist aig Ceann Loch Iall, agus air ais mar sin chun a' Ghearasdain.

"Tha sin a' dèanamh cuairt iomlan.

Rathaidean Singilte

"Tha pàirt den rathad eadar Sròn an t-Sìthein agus Àird nam Murchan singilte, agus bhiodh e duilich gu deimhinne le mòran chàraichean a' dol an sin còmhla ri chèile.

"'S e rud a th' ann nach chuala mi duine a' bruidhinn air rona seo shìos anns an sgìre a tha seo.

"Nuair a smaoinicheas tu air, agus nuair a bheir thu d'inntinn air càite an tèid iad 's dè b' urrainn dhaibh a dhèanamh, b' urrainn dha seo a dhol air adhart.

"Agus nan deadh e air adhart tha mi deimhinnte às gun còrdadh e ris na daoine san sgìre," thuirt e.