Fear a dhìth an Gleann Comhann
- Air fhoillseachadh
Tha na Poilis ag iarraidh cuideachaidh 's iad a' sireadh fireannaich a tha a dhìth 's e air a bhith a' coiseachd nam beann nan an Gleann Comhann.
Bha dùil gun deach Eideard Davies, 39, à Hampshire ann an Sasainn, a choiseachd san sgìre timcheall Sgor na h-Ulaidh, Didòmhnaich.
Chaidh fios air na Poilis feasgar Diciadain an dèidh dha faileachadh air Mgr Davies fios a chur air càirdean.
Tha sgiobannan teasairginn nam beann à Gleann Comhann agus às an Òban air a bhith a' muigh ga shireadh.
Tha na poilis, coin-tesairginn agus heileacoptair nam Maor-Cladaich air a bhith an sàs san iomairt.
Chunnacas càr Toyota Aygo geal a bhios e a' dràibheadh air a pharcadh faisg air ionad tadhail Ghlinne Chomhann.
Thae geal, 5'11", 's e caol le falt dorcha-dhonn. Thathas a' smaointinn gun robh seacaid ghorm dhìonach air.