Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am BBC

Thèid molaidhean an Riaghaltais airson a' BhBC fhoillseachadh an-diugh. Tha am Pàipear Geal ag iarraidh atharrachaidh ann an stiùireadh a' BhBC, le a bhith a' cur às dhan Urras a tha a' riaghladh na buidhne an-dràsta. Mairidh cìs a' Chead Chraolaidh 11 bhliadhna eile air a' char as giorra, agus feumaidh am BBC bho seo a-mach innse cò an luchd-obrach as motha a tha a' cosnadh aca.

Referendum an Aonaidh Eòrpaich

Thuirt Sràid Downing nach gabh Dàibhidh Camshron pàirt ann an deasbad telebhisein air referendum an Aonaidh Eòrpaich còmhla ris a h-aon seach a h-aon de a cho-bhall Tòraidheach Boris Johnson no Mìcheal Gove, a tha le chèile airson an AE fhàgail. Thuirt fear-labhairt do Mhgr Chamsron nach eil e airson blàr eadar Tòraidhean a dhèanamh de na deasbadan telebhisein.

Afganastan

Thuirt Ceann-Suidhe Afganastan nach eil dad aigesan an aghaidh Dhàibhidh Chamshroin, ged a chaidh am Prìomhaire a chlàradh gun fhiosta dha ag ràdh gur e dùthaich fìor-choirbte a th' ann an Afganastan. Thuirt Ashraf Ghani, a th' ann an Lunnainn aig co-labhairt an aghaidh coirbteachd, gun robh Mgr Camshron a' bruidhinn air Afganastan mus robh esan na Cheann-Suidhe air an dùthaich.

Seirbheis Rèile

Thug riaghladair na rèile cead ro sheirbheis rèile ùir le faraidhean nas lugha eadar Dùn Èideann agus Lunnainn. Bidh First Group a' ruith còig sheirbheisean gach là nach bi a' stad ach ann am fìor-chorra àite, agus le faradh anns a' chumantas nas lugha na £25 tha dòchas ann gum bi an t-seirbheis ùr a' farpais ri seirbheisean adhair saora. Tha dùil gun tòisich na seirbheisean ùra sin ro 2021.

Trump

Tha coltas ann gu bheil am Poblachdach Dòmhnall Trump air a bheachd atharrachadh gu ìre air casg airson ùine air Muslamaich bho a bhith a' faighinn a-steach dha na Stàitean Aonaichte. Thuirt e an-raoir nach robh an sin ach moladh. Thèid Mgr Trump a Washington an-diugh fhathast airson soilleireachadh a thoirt air a chuid poileasaidh do cheannardan Poblachdach, agus mòran dhiubh sin a' cur an aghaidh a thagraidh airson seasamh dhaibh ann an taghadh a' Chinn-Suidhe.

Linne Fhoirthe

Tha teagamh ann mu phlana airson tuath-gaoithe mhòir ann an Linne Fhoirthe, agus dàil an dèidh dàil a' ciallachadh gun do chaill am pròiseact taic-airgid. Tha Cùirt an t-Seisein an-dràsta a' dèanamh ath-sgrùdaidh laghail air a' chùis, an dèidh do Chomann Dìon an Eunlaith (RSPB) cùis-lagha a thogail an aghaidh sgeama na companaidh Neart na Gaoithe.

North Coast 500

Tha fear de chomhairlichean Loch Abar ag ràdh gum bu chòir do sgìrean eile air a' Ghàidhealtachd eisimpleir a ghabhail bho slighe rathaid North Coast 500, a chaidh a stèidheachadh an-uiridh. Tha an t-slighe sin a' tòiseachadh 's a' crìochnachadh ann an Inbhir Nis an dèidh cuairt a chur air costa an iar-thuath, fìor-cheann a tuath na h-Alba agus costa an ear-thuath. Tha an Comh. Tòmas MacIllInnein ag ràdh gum bu chòir do sgìrean eile brath a ghabhail air a leithid.