Taic a' leantainn 'son craoladh Gàidhlig

BBC
Image caption Thèid a' Chairt Rìoghail ùrachadh an ath-bhliadhna.

Mhol Pàipear Geal riaghaltas Westminster gum bu chòir dhan BhBC leantainn orra ann a bhith a' toirt taic do mhion-chànain mar a' Ghàidhlig, agus leantainn ann a bhith ag obair ann an co-bhann ri MG ALBA.

Tha am Pàipear Geal ag ràdh gu bheil e follaiseach bhon fhianais a fhuair iad anns a' cho-chomhairle phoblaich gu bheil daoine ann an Alba a' cur luach air an t-sianail Ghàidhlig.

Fhuaireadh gu bheil an t-sianal cudromach ann a bhith a' brosnachadh na Gàidhlig, agus ann a bhith a' toirt spèis do chultar agus ìomhaigh na h-Alba.

Cairt Rìoghail

Tha dùil aig an Riaghaltas gun lean am BBC a' toirt taic dhan Ghàidhlig le a bhith ag obair le MG ALBA.

Tha am Pàipear Geal, na bhun-stèidh air a' Chairt Rìoghail, a thèid ùrachadh an ath-bhliadhna agus a mhaireas an uairsin airson 11 bhliadhna.

Chuir MG ALBA, a tha a' ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a' BhBC, fàilte air na chaidh fhoillseachadh agus mar a chaidh na chaidh a choileanadh leis an t-sianail aithneachadh, ach thuirt iad gun robh dùbhlan mòr air thoiseach ann a bhith ga dhìon san ùine air thoiseach.

Tha am BBC an-dràsta a' cur mu 4.5 uairean de thìde de bhun-phrògraman gach seachdain gu ruige BBC ALBA.

Luach

Tha am BBC fo uallach reachdail 10 uairean de thìde de bhun-phrògraman gach seachdain a chur gu ruige an t-sianail Chuimrich S4C agus tha MG ALBA a' sireadh an aon 10 uairean de thìde de phrògraman bhon BhBC airson BBC ALBA.

Thuirt Magaidh Choineagan, Cathraiche MG ALBA: "Tha e iomchaidh gun deach aithne a thoirt air luach craoladh Gàidhlig ach ma tha BBC ALBA - a tha a-nis mar bhun-stèidh den àrainneachd chraolaidh ann an Alba - gu bhith adhartach agus soirbheachail, feumaidh sinn an tuilleadh bhun-phrògraman.

"Tha aithneachadh ann bho air feadh nam pàrtaidhean poilitigeach air fad gum bi deagh thoraidhean ann airson nan gnìomhachasan cruthachail ann an Alba ma tha e comasach dhuinn an tuilleadh phrògraman a riochdachadh.

"Tha BBC ALBA air sàr-shoirbheas fhaicinn ach tha an luchd-amhairc airidh air seirbheis nas coileanta agus tha sin a' ciallachadh nas lugha de dh'ath-chraolaidhean agus barrachd bhun-phrògraman.

Cìs-craolaidh

"Sna mìosan agus sna seachdainnean air thoiseach bidh sinn a' strì airson taic a thogail gus an tèid dealas soilleir a dhèanamh airson ìos-mheud de dh'uairean de thìde de phrògraman airson BBC ALBA a stèidheachadh agus tha sinn ag iarraidh air luchd-ùidhe taic a chur ris a' mhiann seo.

"Tha sinn gu daingeann air leth taingeil airson na taic a fhuair sinn bhon BhBC, Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na RA agus tha sinn airson soirbheas BhBC ALBA a thoirt chun na h-ath ìre".

Thathas a' moladh cur às do dh'Urras a' BhBC agus bòrd-stiùiridh a chur na àite, leis an dàrna leth de na buill air a thaghadh leis an Riaghaltas, agus thèid sgrùdadh a dhèanamh air a' BhBC tro Ofcom.

Bidh a' chìs-chraolaidh a tha a' maoineachadh phrògraman a' BhBC a' leantainn aig an aon ìre £145.50, ach bhon ath-bhliadhna bidh e ceangailte ri ìre na h-atmhorachd.

Cuideachd thèid iarraidh air daoine a tha a' cleachdadh sheirbheisean air-loidhne, leithid an iPlayer seach a bhith a' coimhead phrògraman fhad 's a tha iad gan craoladh, a' chìs-chraolaidh a' phàigheadh.