Coinneamh chroitearachd ga cur dheth
- Air fhoillseachadh

Tha Coimisean na Croitearachd air innse do chroitearan Chul Uaraich nach tèid coinneamh a bha iad air a chur air dòigh airson feasgar Diluain air adhart a-nise idir.
An àite sin, tha iad ag iarraidh air croitearan a thighinn gu coinneimh eile.
Tha am fear-lagha Coinneach MacLeòid, a tha ag obair às leth na seann chomataidh ionaltraidh, air innse gu bheil e air interim interdict iarraidh air Cùirt an t-Siorraim, a chuireadh stad a na tha an Coimisean a' dèanamh gus an tèid a' chùis a rannsachadh a thaobh an lagha.
Tha dùil gun nochd sin sa chùirt ann an Inbhir Nis Diluain - an aon là a bha an Coimisean airson coinneachadh ri croitearan Chuil Uaraich.
Dh'innis an Coimisean, ri linn 's gu bheileas a' maoidheadh an toirt gu Cùirt an Fhearainn mun ghnothach, nach tèid a' choinneamh air adhart.
An àite sin thug iad cuireadh do na croitearan a thighinn gu coinneimh eile, far am bi ball den Choimisean agus an constabal ionaltraidh a chuir an Coimisean an sàs ann an Col Uarach gu sealadach an àite na comataidh ionaltraidh.
Thathas a' tuigsinn gun tèid coinneamh a chaidh a chur air dòigh le croitearan Mhangurstaidh - baile eile far an do chuir an Coimisean comataidh ionaltraidh às oifis - air adhart oidhche Mhàirt 17mh an Cèitean.
Chan eil e soilleir an nochd croitearan Mhangurstaidh aig a' choinneimh ge-tà, agus ceist orra fhèin mu laghalachd na tha an Coimisean a' dèanamh.
Thuirt eòlaiche air lagh na croitearachd, Brian Inkster, nach eil cead laghail aig a' Choimisean fo Achd na Croitearachd constabal ionaltraidh a chur an sàs an dèidh dhaibh comataidh ionaltraidh a chur às oifis.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An Cèitean 2016
- Air fhoillseachadh9 An Cèitean 2016
- Air fhoillseachadh6 An Cèitean 2016