Ceum air adhart do FMG an Dùn Èideann

  • Air fhoillseachadh
Bun-sgoil Taobh na Pàirce

Tha dòchas ann air fuasgladh dha na duiligheadasan a thaobh àite do sgoilearan Gàidhlig ann an Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbaig ann an Dùn Èideann, agus moladh ann sgoil faisg air làimh a chleachdadh.

Tha comhairle a' bhaile a' dèanamh ath-sgrùdaidh an-dràsta air foghlam Gàidhlig ann an Dùn Èideann, agus tha an duine a tha os a chionn ag ràdh gur e sàbhaladh is ath-bheothachadh na Gàidhlig am prìomh amas.

Chan eil Bun-sgoil Taobh na Pàirce - a tha na sgoil Ghàidhlig - air a bhith fosgailte ach trì bliadhna.

Na bu thràithe am-bliadhna, thuirt a' Chomhairle nach fhaigheadh na sgoilearan as sine air fad àite ann an Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbaig, far am faighear air leantainn air adhart tro mheadhan na Gàidhlig.

An ùine fhada

Bha cus ag iarraidh ann, agus 's iad naoinear bhon 24 le Gàidhlig nach robh a' dol a dh'fhaighinn àite leis gur iad as fhaide a bha a' fuireach bhon sgoil.

Chaidh pàrantan, Modaràtair Eaglais na h-Alba, agus Bòrd na Gàidhlig an sàs sa chùis, 's iad a' bagairt a' Chomhairle a thoirt gu lagh.

Chaidh am moladh a leigeil seachad, agus fhuaireadh àite dha na sgoilearan.

Thathas a' tuigsinn gun deach sin a-niste ceum air adhart.

"Tha sinn cho toilichte gun do dh'èist a' Chomhairle rinn, agus tha fuasgladh math ann," thuirt Jennifer Gimore, bho Chomann nam Pàrant Dhùn Èideann.

"Chan eil e deimhinnte fhathast, ach tha e coltach gum bi iad a' cleachdadh Sgoil Daraich, agus mar sin bidh rùm gu leòr ann airson nan sgoilearan a tha a' fuireach faisg air Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbaig, agus gach sgoilear ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Ma dh'obraicheas sin bidh rùm ann fad còig bliadhna, agus tha sin a' ciallachadh gum bi ùine gu leòr againn plana eile a chruthachadh airson nam bliadhnaichean às dèidh 2021," thuirt i.

'S e Iar-Chathraiche na Comhairle, Sandy Howitt, a bha os cionn Comataidh Buileachaidh na Gàidhlig nuair a bha am buaireadh a' dol.

Cha robh e air a bhith san obair sin ach beagan mhìosan. Chan eil e san obair sin a-niste, agus comhairliche ùr Lìte, Lewis Ritchie, na àite.

Tha Mgr Ritchie cuideachd os cionn buidhne a tha a' feuchainn ri fuasgladh maireannach fhaighinn.

"'S e dha-rìribh an smuain gu bheil sinn airson a bhith a' smaoineachadh, chan ann dìreach ann an earrainnean còig bliadhna, ach nas fhaide air adhart cuideachd," thuirt Mgr Ritchie.

Aithisg Ro-innleachdach

"Tha sinn aig an fhìor-thoiseach. 'S e pròiseact air leth inntinneach a th' ann.

"Tha cuid de na h-inntinnean Gàidhlig as fheàrr ann an Dùn Èideann againn an sàs ann.

"Tha àrd-oifigearan aig ìre na Comhairle an sàs ann, agus buill thaghte cuideachd," thuirt e.

Le comhairliche òg, làn spionnaidh, gan cuideachadh, tha pàrantan Gàidhealach a' bhaile a-niste nas dòchasaiche na bha iad.

"'S dòcha gur e seo an rud as cudromaiche. Chaidh buidheann ùr a stèidheachadh a bhios a' sgrìobhadh aithisg ro-innleachdaich airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig air fad eadar 0 agus 18 bliadhna de dh'aois," thuirt Jennifer Gilmore.

"Coimheadaidh iad air na h-àireamhan cloinne a tha ag iarraidh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, agus air na cothroman agus feumalachdan leasachaidh a tha mun coinneimh.

Prìomh Amas

"Mar sin bu chòir foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhith ann an staid nas fheàrr agus nas seasmhaiche às an dèidh," thuirt i.

"Feumaidh sinn aire a chumail air prìomh amas na cùise - 's e sin a' Ghàidhlig a shàbhaladh agus a dhèanamh cinnteach gun tèid aig uiread 's aghabhas de dhaoine air a' Ghàidhlig ionnsachadh agus na tha iad ag iarraidh a dhèanamh leis a' chànan a choileanadh," thuirt Mgr Ritchie.

"'S e sin am prìomh amas ro-innleachdach a tha sinn a' feuchainn air.

"Feumaidh sinn feitheamh gus am faic sinn mar a thachras sin.

"Chunnaic sinn gu bheil fèill mhòr air Taobh na Pàirce, agus tha sin air dearbhadh, ma thogas tu an rud, gun tig daoine thuige," thuirt e.

Tha cha-mhòr 300 sa bhun-sgoil, le 66 san sgoil-àraich.

'S e a' cheist airson na buidhne ùire, ciamar agus càite an cum iad suas ris an iarrtas a chruthaicheas sin air foghlam àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig air a' cheann thall.