Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stephanie Inglis

Tha boireannach òg às Inbhir Nis gu math ìosal san ospadal ann am Bhietnam an dèidh tubaiste le motor-baidhseagal. Bha Stephanie Inglis, a tha 27 bliadhna de dh'aois, ag obair na tidsear Beurla san dùthaich. Tha e coltach gun deach a h-eanchainn a mhilleadh, agus gu bheil i ann an còma. Ann an 2014 bhuanaich i bonn umha airson judo aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu. Tha a pàrantan a tha a' fuireach ann an Deimhidh, faisg air Inbhir Nis, air siubhal a Bhietnam.

Corp an Gleann Laoidh

Thuirt poilis gu bheil iad a' toirt cuirp à Gleann Laoidh anns a' Mhonadh Ruadh. Chaidh fios air teaghlach Sheumais Robasdain, a tha 61 agus a bhuineas do Ghlaschu, gun deach corp a lorg an-raoir. Chaidh esan a dhìth san sgìre sin tràth sa Mhàrt.

Dùn Èideann

Tha poilis ann an Dùn Èideann a' rannsachadh bàs boireannaich a chaidh a leagail le càr sa bhaile an-raoir. Bha càr poilis an tòir càr eile Ford Ka, a bhuail sa bhoireannach, a bha 33 bliadhna de dh'aois, air Seann Rathad Dhail Chèith, goirid an dèidh 8:00f an-raoir.

Cùiltearachd Dhaoine

Tha comataidh ann an Taigh nam Morairean den bheachd nach eil mòran coltais ann gun soirbhich le oidhirp an Aonaidh Eòrpaich stad a chur air cùiltearachd dhaoine san sgìre Mheadhan Thìrich. Thuirt Comataidh an AE anns na Morairean gun do rinn an AE cobhair air mòran mhìltean a thàinig dhan Eadailt à ceann a tuath Afraga, ach gu bheil mì-rian ann an Libia a' ciallachadh nach gabh smachd cur air cùiltearachd anns an dùthaich sin.

Meuran Banca

Tha figearan air an d' fhuair am BBC sealbh ag ràdh gun do dhùin còrr is 600 meur banca air feadh Bhreatainn an-uiridh, agus gur iad na sgìrean iomallach as miosa a tha a' fulang le sin. Chuir na sia bancaichean mòra dìon air na dùnaidhean sin, agus iad ag ràdh gu bheil barrachd dhaoine a' cleachdadh sheirbheisean air-loidhne. Ach tha Comann Nàiseanta nam Bancaichean, agus companaidhean àrachais ag ràdh gu bheil na bancaichean ionadail fìor-chudromach ann an sgìrean dùthchail.

Aiseag Armadail

Chuir faisg air 1,000 duine an ainm ri ath-chuinge ag iarraidh a' bhàt-aiseig Coir' Uisg' a thilleadh dhan t-seirbheis eadar Malaig agus Armadal. Tha mì-thoileachas mòr ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich agus ann am Malaig mu ìre na seirbheis bho chaidhi an Coir' Uisg' a thoirt air falbh agus bho chaidh trì bàtaichean eile a chur na h-àite.

Taighean-comhairle

Dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd tuilleadh airgid bho Riaghaltas na h-Alba airson taighean-comhairle a thogail. Tha còrr is 7,000 duine air Ghàidhealtachd a' feitheamh ri taigh-comhairle an-dràsta, 's ged a thàinig àrdachadh air an t-suim airgid a tha a' Chomhairle a' faighinn gu beagan nas lugha na £60,000 airson taigh ùr a thogail, tha na buidhnean taigheadais a' faighinn £15,000 a bharrachd air sin.