A87 dùinte san Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh
Tha na seirbheisean èiginn an làthair an dèidh droch thubaist-rathaid air an A87, mu mhìle tuath air an Ath Leathann san Eilean Sgitheanach.
Tha heileacoptair air a ghairm airson boireannach a th' air a goirteachadh a thoirt dhan ospadal.
Bha aon charbad an sàs san tubaist.
Chaidh an rathad a dhùnadh.