Am Baile Ùr is Loch Abar troimhe

Pàirc a' Bhucht
Image caption Bidh Baile Ùr an t-Slèibh is Loch Abar aig Pàirc a' Bhucht an ath-mhìos.

Bidh Baile Ùr an t-Slèibh an aghaidh Loch Abair sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais air an ath-mhìos.

Bha an Gleann a' feuchainn ri grèim a chumail air a' chupa a bhuannaich iad an-uiridh 'son a' chiad turais.

Rinn iad tòrr na b' fheàrr na an geama mu dheireadh aca aig an Eilean, a chaill iad 7-0, ach bha am Baile Ùr fhathast ro mhath.

Rinn dà thadhal a' chùis dhan Bhaile Ùr an turas seo, Evan Menzies (42) is Steafan Dòmhnallach (81) leotha.

Cairt Dhearg

Chaidh Friseal Rothach aig Ceann a' Ghiuthsaich a chur dheth an aghaidh Loch Abair, is chaidh na h-Abraich air thoiseach 2-0 le tadhail bho Pat Toal is Stiùbhart Callinson.

Chuir Savio Genini tadhal dha Ceann a' Ghiuthsaich le cairteal na h-uaireach air fhàgail, ach chrìochnaich an geama 2-1.

Baile Ùr an t-Slèibh an aghaidh Loch Abar air an 11mh den Òg-Mhìos, ma thà, sa chuairt dheireannaich.

Sin an dearbh gheama a bh' ann ann an cuairt dheireannach 2012, geama a bhuannaich Baile Ùr an t-Slèibh 5-1.

An Cupa Ceilteach

Aig deas, chaidh Inbhir Aora air adhart dhan chuairt dheireannaich den Chupa Cheilteach.

Bha làmh an uachdair aig Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal sa chiad leth san Iochdar (Yoker), ach cha d' fhuair iad ach tadhal, Calum Mac an Léigh leis.

Thog Inbhir Aora an geama aca san dàrna leth is tadhail bho Lewis MacNeacail (55) is Anndra MacMhurchaidh (63) gan cur air ais sa chuairt dheireannaich.

Bidh iad an aghaidh Chaol Bhòid no Camanachd an Òbain a-nise, is iadsan gus cluiche Disathairne seo tighinn.

Mullach

Thèid Caol Bhòid a-steach dhan gheama sin air mullach na Prìomh Lìge.

Rinn iad an gnothach 3-1 air a' Ghearasdan Disathairne, is iadsan a-nise ann am fìor-staing aig a' bhonn.

Chaill Camanachd an Òbain san lìog 'son a' chiad turais am-bliadhna, Ceann Loch Seile a' soirbheachadh 2-1 nan aghaidh le tadhail san dàrna leth bho Jordan Friseal is Cè MacRath.

Ann am Port Rìgh cha robh tadhail idir san gheama eadar na Sgitheanaich is Lòbhat.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile