Mion-chànan a' buanachadh Eurovision

Jamala 's a duais Image copyright AFP/Getty

Chuir tè a bhuineas do mhion-shluagh Ugrànianach an ceòl air feadh na fìdhle ann an Stokholm oidhche Shathairne, 's i a' togail duais an Eurovision à meòir na Ruis.

Bha dùil gur i an Ruis a dhèanadh a' chùis san fharpais, ach air a' cheann thall, bha coltas ann gun dèanadh Astràilia a' chùis gu furasta - a thaobh bhòtaichean nan diùraidhean co-dhiù, 's i gu mòr air thoiseach.

Le dòigh ùr air na bhòtaichean fhoillseachadh ge-tà, chaidh a' bhòt phoblach a shealltainn às dèidh bhòt nan diùraidhean nàiseanta. Thàinig gach cuid an Ruis agus an Ugràin air adhart, le mu dheireadh thall an Ugràin a' putadh na Ruis dhan treas àite, le Astràilia san dàrna àite.

Bha an t-òran a bh' aig an Ugràin air a bhith connspaideach, agus an Ruis ag ràdh gur e òran poileataigeach a bh' ann.

Tha còmhstrì eadar an dà dhùthaich, co-cheangailte ri mar a ghabh an Ruis smachd air a' Chrimea ann an 2014, agus an cogadh le reubaltaich a tha a' taobhadh ris an Ruis ann an ceann an ear na dùthcha.

Ach chaidh aig an t-seinneadair, Jamala, air an òran aice a ghabhail, 's i ag ràdh gur e òran mu eachdraidh a teaghlaich a bh' ann.

Beagan Eachdraidh

'S i Tatarach a th' ann an Jamala, a bhuineas don Chrimea.

Bha uair a b' e sluagh cumhachdach a bh' anns na Tataraich, ach an-diugh tha iad sgapte air feadh an t-saoghail.

Gu ruige 1944, cha b' ann mar sin a bha cùisean, agus iad a' fuireach sa Chrimea.

Bha deacaire an Aonaidh Shòbhietaich, Iòsaph Stalin, amharasach na inntinn gun robh na Tataraich air a bhith a' taobhadh leis na Natsaich anns an Dàrna Cogadh, a bha a' dol aig an àm - cogadh a mharbh còrr air 20,000,000 Ruiseannach.

Dh'fhuadaich e na Tataraich às a' Chrimea, gan cur a Shibirea. Bhàsaich na mìltean dhiubh.

Ged a tha mu 150,000 fhathast a' fuireach ann an Sibirea, thill feadhainn dhan Chrimea dar a thuit an t-Aonadh Sòbhietach.

'S ann mu mar a chaidh seanmhair Jamala a chur a Shibirea le càch a tha an t-òran aice - 1944.

'S ann sa Bheurla a tha e, ach le sèist ann an cànan nach aithnich mòran dhaoine.

'S iad an fheadhainn as sine as motha a bhruidhneas Tatarais a' Chrimea an-diugh, 's a sruth air a briseadh le fuadachadh Stalin.

Tha i coltach ri Tuircis, agus tha i an-diugh ga meas mar chànan a tha an cunnart a dhol à bith.

Thuirt Jamala gur e a bh' anns an t-sèist ach faclan bho òran traidiseanta sa chànan "Ey, güzel Qırım" a bhiodh a seanmhair a' gabhail:

"Yaşlığıma toyalmadım

Men bu yerde yaşalmadım"

(Cha so shàsaich m' òige mi,

Cha b' ann an seo a thogadh mi)

Poileataigs

Dar a ghabh an Ruis smachd air a' Chrimea ann an 2014, dh'fhàs cùisean doirbh dha na Tataraich a bha a-rithist a' fuireach ann, agus dh'fhàg mòran aca a-rithist a dh'fhuireach sna bh' air fhàgail den Ugràin.

Tha Jamala nam measg, agus i ag ràdh nach fhaod i tilleadh ann.

Thug an Ugràin 12 puing don Ruis, leis an Ruis a' toirt 10 puingean don Ugràin san fharpais.

A dh'aindeoin fhaireachdainnean a cheadaicheadh a leithid sin eadar an dà dhùthaich san Eurovision, 's e cuspair poileataigeach a th' ann an rud sam bith co-cheangailte ris a' Chrimea an-dràsta, ged nach b' ann air an adhbhar sin a rinneadh an t-òran.

Poileataigs ann no às ge-tà, 's e rud mòr a th' ann dha na Tataraich, 's dhan chànan aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo