Dòchas mu sheirbheis fòn-làimhe Bharraigh

Barraigh

Thuirt a' chompanaidh fòn-làimhe, EE, gun robh iad an dòchas gun tèid làn-sheirbheis a thilleadh gu daoine ann am Barraigh ann an ùine gun a bhith fada.

Tha daoine air a bhith a' gearain mun t-seirbheis fad mhìosan, agus tha e coltach gun robh EE air a bhith ag ràdh nach robh càil ceàrr leis na crainn aca.

Is coltach, ge-tà, gu bheil e a-niste air a thighinn am bàrr gun robh trioblaid leis a' chrann aca ann an Dalabrog ann an Uibhist Deas.

'S ann à sin a tha seirbheis EE ann am Barraigh a' tighinn.

Cha chanadh EE gu h-oifigeil ach gun robh dìth dealain air a bhith na thrioblaid ann an Dalabrog, ach gun deach làn-sheirbheis a thilleadh dhan luchd-cleachdaidh an sin.