Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Trump

Tha am blàr eadar Dòmhnall Trump agus àrd-luchd-poileataics Bhreatainn 's fhìor a dhol air adhart agus Mear Lunnainn, Sadiq Khan, ag ràdh gur e duine cunnartach a th'ann am Mgr Trump, a thuirt na bu tràithe an-diugh gur e duine aineolach a th'ann am Mgr Khan. Agus thuirt Dòmhnall Trump ma 's e agus gum bidh e na cheann-suidhe air na Stàitean Aonaichte, nach bidh càirdeas ro mhath aige ri Daibhidh Camshron. Thuirt Mgr Trump an-diugh nach diochuimhnich e na thuirt Mgr Camshron mu dheidhinn an-uiridh, nuair a thuirt am Prìomhaire gur e duine gòrach a tha a' dèanamh sgaradh a th'ann.

Mundell

Tha Rùnaire na h-Alba, Daibhidh Mundell ag ràdh gu bheil e ag iarraidh "càirdeas ùr" leis an riaghaltas ann an Dùn Èideann. Bheir Mgr Mundell òraid seachad ann an Dùn Èideann an-diugh fhathast anns an can e gu feum co-obrachadh nas fheàrr a bhith ann agus gu feum iad sgaradh bheachd agus bigeireachd air a cheile a chuir an dàrna taobh. Thuirt an SNP gu bheil iad deònach obair còmhla ri pàrtaidhean eile gu buannachd na h-Alba ach gur e fìrinn na cùise gu bheil riaghaltas Toraidh na Rioghachd Aonaichte gu math tric a' fàgail Alba 'san dàra àite.

Louisa

Bidh rannsachadh ann an Glaschu air a' bhàta-iasgaich, an Louisa, a chaidh fodha far Mhiùghalaigh air a mhìos seo chaidh, le call triùir de a criubha. Chaidh am bàta a togail far ghrunnd na mara air an deireadh sheachdainn. Bidh luchd-sgrùdaidh a-nis a' feuchainn ri dèanamh a mach carson a chaidh am bàta, a bha air acair aig an àm, fodha agus carson nach do dh'obraich an rath-sabhalaidh mar bu chòir.

Libya

Tha ard-thosgairean a' coinnneachadh ann an Vienna a dheasbad taic dhan Riaghaltas Aonaichte ùr ann an Libya. Tha Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry, os cionn na coinneimh.

Aonta baile

Tha tè de bhuill na Gàidhealtachd ann am Pàrlamaid na h-Alba a' ceasnachadh am bu chòir do dh'Aonta Baile Inbhirnis buannachd a thoirt do sgìrean eile cuideachd. Tha Gail Ross fhathast na ball air Comhairle na Gàidhealtachd, ged a chaidh a taghadh mar bhall do Gallaibh, Cataibh agus Rois. Thuirt i gu bheil i air a' chùis a tha seo a thogail roimhe le ceannardan na comhairle, ach gu feum iad innse dè gheibh sgìrean eile à aonta Inbhirnis, ma gheibh dad idir.

Spòrs

Tha Andaidh Moireach ann an deagh shunnd a' dol gu farpais fhosgailte na Frainge an ath-sheachdain. Thog e tiotal Masters na Ròimh 'son a' chiad uair nuair a rinn e a' chuis air Novak Djokovic air cuairt chriadh 'son a' chiad thuras cuideachd.

Agus ann an Sasainn tha rannsachasdh dha iarraidh mun dòigh san deach stad air a' gheam eadar Manchester United agus Bournemouth aig Old Trafford an-dè le dragh gu robh boma anns an stadium. Tha e air tighinn am follais bhon uairsin gur e inneal trèanaidh a bh'ann a dh'fhag sgioba a bha an sàs ann an eacarsaich trèanaidh an aghaidh cheannairc.