SNH: Sgìrean glèidhte mara "gun bhuaidh air an iasgach"

Bàtaichean-iasgaich

Cha bu chòir do sgìre ghlèidhte mhara a thathas a' moladh airson taobh siar na h-Alba buaidh a thoirt air obraichean, a rèir Dhualchas Nàdair na h-Alba.

Tha mì-thoileachas air a bhith ann mun phlana - gu sònraichte am measg iasgairean.

Tha SNH ag ràdh gum bu chòir do sgìre ghlèidhte a bhith ann eadar Ìle agus Leòdhas airson pèileagan agus an àrainneachd aca a dhìon.

Tha a' cho-chomhairle a tha iad a' dèanamh mun phlana a' tighinn gu ceann Diciadain.

Obraichean is Cur-seachadan

"Tha raointean sònraichte glèidhteachais gan comharrachadh fo òrdugh àrainnean an Aonaidh Eòrpaich mar àiteachan a tha gu sònraichte cudromach dha àrainnean agus dha fiadh-bheatha a tha a' fuireach annta sin, a ghlèidheadh," thuirt Robyn Ireland bho SNH.

"Chaidh pèileagan ainmeachadh fon òrdugh sin mar bheathach a gheibheadh buannachd bho raon dìon, agus bheireadh an raon dìon seo taic do phèileagan a bhith a' glèidheadh na h-àrainneachd anns a bheil iad a' fuireach.

"'S e àite sònraichte a th' ann an cuantan na h-Alba do phèileagan - gu h-àraid far a' chosta an iar far am faighear cuid de na h-àireamhan as motha dhiubh san Roinn Eòrpa.

"Tha a bhith a' comharrachadh sgìre ghlèidhte mhara a tha nas motha, no a tha mòr, nas ciallaiche do bheathaichean a bhios a' gluasad air feadh astairean mòra.

"Feumaidh e a bhith mòr airson dèanamh cinnteach gum bi pèileagan gu leòr anns an sgìre, agus gun gabh sinn a-steach dhan sin na h-àrainnean anns a bheil iad a' fuireach.

"Cuideachd bu chòir gun toir seo barrachd sùbailteachd dhuinn anns an àm ri teachd a thaobh mar a choimheadas sinn às dèidh na làraich," thuirt i.

Tha dragh air iasgairean gu sònraichte mun bhuaidh a bheir sgìrean glèidhte mara air beò-shlaint nan coimhearsnachdan a tha a' crochadh air a' mhuir.

Tha SNH ag ràdh ge-tà, nach bu chòir gun toir an sgìre eadar Ìle agus Leòdhas buaidh air iasgairean.

"Tha raon farsainn de dh'obraichean agus de chur-seachadan a' tachairt anns an sgìre seo an-dràsta," thuirt a' Bh.Ua. Ireland.

"Bhiodhmaid an dùil, nan rachadh an raon dìon seo a stèidheachadh, gum biodh na h-aon obraichean ann fhathast.

"'S ann airson beathaichean agus àrainnean a ghlèidheadh a tha na raointean glèidhteachais seo.

"Cha chuireamaid riaghailtean no riaghladh a bharrachd airson na làraich an sàs ach a-mhàin nam biodh obair no cur-seachad a' bagairt air amasan glèidhteachais na làraich," thuirt i.

Sgadan

Ach tha iasgairean ag ràdh gu bheil cus sgìrean glèidhte aig muir far chosta an iar na h-Alba.

"Tha sgìre mhòr an seo, bho Ìle aig deas, suas gu Ceann Tholastaidh, a-null gu Loch an Inbhir, agus bho Loch Baghasdail tarsainn gu Ìle," thuirt Cathraiche Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

"Tha tòrr mòr iasgaich a' dol air adhart an sin, de dhiofar sheòrsaichean.

"Na molaidhean a bha a' tighinn a-mach às a' phàipear chonaltraidh, tha iad a' moladh casg a chur air dòighean iasgaich anns na bliadhnaichean a tha romhainn, a bheir buaidh mhòr air eaconamaidh nan Eileanan an Iar agus taobh an iar Alba.

"Tha lìn sgadain air a bhith air an cur anns na lochan air taobh an iar na Gàidhealtachd bho chionn linntea, agus tha SNH a' moladh gun deadh casg a chur air sin.

"Cho fad 's aithne dhomhsa, tarsainn air na linntean, cha chuala mi riamh sgeul air pèileag air a ghlacadh an sin.

"'S e sin dòigh iasgaich - ged nach eil cuideam ceadaichte ann am-bliadhna - sin an dòigh iasgaich a tha na h-Eileanan an Iar agus taobh an iar Alba air a bhith ag iarraidh a leasachadh anns na bliadhnaichean a tha romhainn, airson cosnadh a thoirt dha daoine sa chiad àite, agus an uair sin gu bheil margaid aig ìre ionadail ann a ghabhadh sgadan a bh' air a ghlacadh ann an lìn.

"'S e an aon sheòrsa iasgaich eile a tha iad a' moladh casg a chur air, 's e lìn air a' ghrunnd.

"Tha riaghailt Eòrpach ann gu bheil e laghail gu leòr lìn ghrunnda airson giomach-Spàinnteach a ghlacadh le mogal nas motha na 250mm.

"Chan eil sinne a' faicinn adhbhair sam bith carson nach deadh sin a chumail a' dol.

"Tha sin air grunnd na mara. Chan eil na pèileagan a' dol sìos an sin, agus chan eil sinn air cluinntinn gu bheil daoine air an glacadh.

"'S e an cunnart as motha air uachdar na mara, far a bheil mogal can nas motha na timcheall air ceithir òirlich 's còig òirlich.

"Sin an lìon a bhiodh air a chur airson bradain no biorach - agus tha sin mì-laghail a chleachdadh co-dhiù, agus bhiodh e iomchaidh gu leòr casg a chur air an fheadhain sin.

Taobh Sear

"Tha sinne a' faicinn gum bu chòir dha iasgach cumail a' dol airson sgadain, agus gum bu chòir iasgach cumail a' dol airson ghiomach-Spàinnteach.

"Chan eil teagamh sam bith, tha sinne den bheachd gu bheil cus de na sgìrean glèidhte a tha seo, ann, agus chan eil e a' dèanamh ciall a h-uile h-aon a bhith air muin a chèile.

"Nuair a choimheadas sinn ris a' Chuan Sgìth, agus sìos na h-uisgeachan air taobh an iar Alba, tha a' mhòr-chuid dheth sin fo sgìre ghlèidheachais air choireigin.

"Saoilidh sinn gu bheil tòrr mòr a bharrachd a' tighinn air taobh an iar Alba na tha a' tighinn air an taobh an ear.

"Agus chan eil sinn a' faicinn gu bheil e reusanta sam bith barrachd 's barrachd - 'son tha tuilleadh a' dol a thighinn - a bhith gan cur air an taobh an iar agus gun ghuth air taobh an ear air Bhreatainn idir, agus air Alba gu h-àraid.

"Na pèileagan a tha seo, tha iad air a bhith a' leudachadh agus a' fàs, barrachd àireamhan tarsainn air na bliadhnaichean, agus tha an t-iasgach a tha sin air a bhith a' dol thar linntean.

"Tha sinne a' faicinn gu bheil e comasach dha gnìomhachas an iasgaich cumail a' dol agus na pèileagan a bhith toilichte gu leòr anns na h-uisgeachan air an taobh an iar gun barrachd chasg a bhith ga chur air iasgairean a tha a' faighinn beò-shlaint nas duilghe a dhèanamh a h-uile bliadhna," thuirt e.