Coimisean air deamocrasaidh ionadail
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gun tòisich coimisean a' rannsachadh mar a ghabhadh piseach a thoirt air deamocrasaidh ionadail ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd san Ògmhìos.
Tha deasbad air a bhith a' dol o chionn ùine eadar comhairlichean mu bhith a' briseadh sgìre na Comhairle gus am bi ùghdarrasan ionadail a' riaghladh sgìrean nas bige.
Tha an sgìre a tha fo sgèith Chomhairle na Gàidhealtachd an-dràsta nas motha na a' Chuimrigh.
Iarraidh a' Chomhairle air a' choimisean coimhead ri staid deamocrasaidh air Ghàidhealtachd an-dràsta, agus "còmhraidhean a thòiseachadh" mu sgaoileadh chumhachdan.
Bhiodh an Coimisean air Deamocrasaidh na Gàidhealtachd a' leantainn air obair a rinn an Coimisean Nàiseanta air Neartachadh Deamocrasaidh Ionadail roimhe. Dh'fhoillsich a' bhuidheann sin an aithisg ann an 2014.
Thuirt Ceannard na Comhairle, Mairead NicDhàibhidh, gur e "cothrom air leth" a bh' ann do mhuinntir na sgìre.
"Chaidh daoine a dh'fhaodadh a dhol air a' choimisean aithneachadh, stèidhichte air an cuid sgilean agus chomasan dùbhlan a thoirt do staid deamocrasaidh ionadail air a' Ghàidhealtachd aig an àm seo," thuirt i.
"Thathas an dùil an coimisean a chur air bhog san Ògmhìos, a' trusadh fianais thar an t-Samhraidh.
"Thèid aithisg eadar-amail an uair sin fhoillseachadh as t-Fhoghar, le dùil ri molaidhean deireannach a' choimisein a bhith mu choinneimh na Comhairle san Dùbhlachd."