Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Atmhorachd

Thàinig ìre na h-atmhorachd a-nuas anns a' Ghiblean a rèir nam figearan bho Oifis na Staitistig Nàiseanta an-diugh. Bha an ìre, a rèir Chlàr Cheannaich an CPI sìos bho 0.5% sa Mhàrt, gu 0.3%. Bha faraidhean adhair agus aodach nas saoire am measg na chuir ris an ìsleachadh.

Prìomh Mhinistear

Tha a h-uile dùil gun tèid Nicola Sturgeon ainmeachadh mar Phrìomh Mhinistear na h-Alba an-diugh. Bidh a' bhòt ann tràth feasgar. Tha dùil gun seas ceannard nan Libearalach Deamocratach, Willie Rennie, airson na dreuchd, ged is ann aig na Lib-Deamaich a tha an àireamh bhall as lugha ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Deuchainnean

Chaidh Riaghaltas na h-Alba agus aonadh an luchd-teagaisg an EIS às àicheadh nach eil coileantachd ann an siostam nan deuchainnean airson na ceathramh bliadhna anns na h-àrd-sgoiltean. Tha aithisg bhon bhuidhinn mheòrachaidh, Reform Scotland, ag ràdh gu bheil e a rèir dè an sgoil dha bheil clann a' dol dè an àireamh de dheuchainnean aig Ìre Nàiseanta 5 air am faigh iad cothrom.

Cìsean Banca

Tha Ùghdarras na Farpais agus Margaidh a' moladh casg air a' chosgais a tha bancaichean a' cur air luchd-cleachdaidh airson overdraft gun chead, agus an t-ùghdarras ag ràdh gum feum e a bhith nas fhasa do luchd-cleachdaidh tomhas a dhèanamh air a bheil iad dha-rìribh a' faighinn luach an airgid bho na bancaichean.

Earrainnean Gaoithe Ghabhsainn

Gheibh feadhainn aig a bheil earrainnean ann an companaidh chumhachd Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas a' chiad phàigheadh an ath-mhìos. Thog a' chompanaidh còrr is £700,000 le earrrainnean a reic airson dà chrann-gaoithe a thogail. Tha an t-airgead bhon phròiseact a' dol gu pròiseactan coimhearsnachd, 's tha an duais do luchd nan earrainnean a' tighinn nas tràithe na bha dùil.

Aonta Baile Inbhir Nis

Thuirt Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson, gum faigh sgìre an ùghdarrais gu lèir buannachd à Aonta Baile Inbhir Nis. Thuirt tè de bhuill ùra na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Gail Ros, a tha fhathast na ball air Comhairle na Gàidhealtachd, gu bheil coltas ann gur ann air pròiseactan timcheall air Inbhir Nis a thèid a' mhòr-chuid den £200m de dh'airgead riaghaltais a chosg. Thuirt Mairead Davidson ge-tà, gu bheil an aonta ag amas air daoine òga a chumail air a' Ghàidhealtachd gu lèir.