Seirbheis adhair ùr do dh'Inbhir Nis
- Published
image copyrightKLM
Thòisich seirbheis adhair ùr eadar Inbhir Nis agus Amsterdam Dimàirt.
Ràinig a' chiad phlèana, le KLM ga ruith, Inbhir Nis sa mhadainn, 's e air tighinn ann à port-adhair Schiphol.
Bidh an t-seirbheis a' farpais ri Flybe, a tha mar thà a' sgèith eadar an dà phort-adhair.
Chuir arc mòr uisge bho dhà charbad-smàlaidh a' phuirt-adhair fàilte air a' phlèana 's e a' rughinn Inbhir Nis.
'S e an dàrna togail mòr taobh a-staigh mìos do phort-adhair Inbhir Nis a th' anns an t-seirbheis ùr.
O chionn dà sheachdain, stèidhich British Airways seirbheis eadar Inbhir Nis agus Heathrow às ùr, 20 bliadhna an dèidh don t-seirbheis a b' àbhaist dhaibh a bhith a' ruith tighinn gu crìch.