Aonta £315m gu buannachd "Na Gàidhealtachd gu lèir"
- Air fhoillseachadh
Thuirt Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd gum biodh Aonta Baile luach £315m gu buannachd na sgìre gu lèir, 's chan e a-mhàin Inbhir Nis.
Bha Mairead NicDhàibhidh a' freagairt chàineadh bho cheannard catharra Ghallaibh agus am BPA SNP ùr Gail Ross, gun cailleadh cuid de sgìrean a-mach air maoineachadh
Chaidh Aonta Sgìre Bhaile Inbhir Nis ainmeachadh sa Mhàirt.
'S iad Riaghaltasan na h-Alba agus Westminster agus Comhairle na Gàidhealtachd a tha a' maoineachadh an aonta.
Dh'innis Ms NicDhàibhidh dhan BhBC gur e aonta sònraichte a th' ann do dh'Inbhir Nis agus sgìre na Gàidhealtachd.
"Tha rudan ann dhan a h-uile sgìre. Bann-leathann fìor-luath air a sgaoileadh, taigheadas do sheann daoine agus teicneòlas ùr do sheann daoine."
Thuirt i cuideachd gum faigheadh sgoilearan barrachd chothroman ann an Saidheans, Teicneòlas, Einnsinireadh agus Matamataigs (Stem) agus pròiseactan.
Anns a' Mhàirt, thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh an t-aonta a ciallachadh gun deadh airgead a chur an sàs thar 10 gu 20 bliadhna, agus gum faodadh e £1bn de dh'airgead thasgaidh phrìobhaideach a thàladh dhan sgìre thairis air grunn bhliadhnaichean.