Ùrachadh do shiostam tiocaidean ChalMac
- Published
Gheibh luchd-siubhail air seirbheis ChalMac eadar Ulapul agus Steòrnabhagh a' chiad chothrom, air atharrachaidhean ann an siostam thiocaidean na companaidh, fheuchainn.
Tha na h-atharrachaidhean a' ciallachadh gum bi e comasach do luchd-coiseachd tiocaidean a cheannach air-loidhne airson a' chiad turais.
Tòisichidh an sgeama pìleat air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul nas fhaide sa Chèitean, 's mairidh e ceithir seachdainean.
Tron àm seo, tha CalMac airson beachdan a' phobaill a chluinntinn mun t-siostam ùr.
Às dèidh nan ceithir seachdainean, thèid an siostam ùraichte a leudachadh chun nan seirbheisean air an urrainnear àitichean a ghlèidheadh ro làimh.
Mar phàirt den ùrachadh gheibh luchd-siubhail air fad tiocaidean didseatach às dèidh dhaibh an ceannach air an eadar-lìon.
'S urrainn dhaibh an uairsin na tiocaidean a chlo-bhualadh aig an taigh, coltach ri mar as urrainnear a dhèanamh le tiocaidean plèana bho ghrunn chompanaidhean-adhair.
Bidh e fhathast comasach do dhaoine ge-tà, na tiocaidean a thogail aig oifisean nam port.
"Goireasach agus Sùbailte"
Cuideachd, bidh e comasach do luchd-siubhail cunntasan a chruthachadh dhaibh fhèin air an làraich-lìn às dèidh dhaibh tiocaidean a cheannach.
Thuirt CalMac gu bheil seo a' ciallachadh nach bi feum aig daoine am fiosrachadh aca a chur a-steach air an eadar-lìon uair às dèidh uair.
Thuirt Ceannard Thiocaidean aig CalMac, Ailean Hood, gu bheil iad an còmhnaidh ag amas air piseach a thoirt air na seirbheisean aca agus gu bheil a bhith ag èisteachd ri luchd-siubhail mar phàirt mhòr dheth seo.
"Le a bhith a' tabhainn thiocaidean as urrainnear a chlo-bhualadh aig an taigh, tha e a' ciallachadh gur e a bhith a' ceannach thiocaidean air-loidhne an dòigh as goireasaiche, sùbailte agus sàbhailte tiocaidean a cheannach," thuirt e.