"Feum air adhartas" le sgoiltean Inbhir Nis

BSGI

Thuirt Cathraiche an Fhoghlaim air a' Ghàidhealtachd gum feum dèiligeadh gu sgiobalta ris an trioblaid le cus chloinne ann an sgoiltean Inbhir Nis.

'S fhada bho nochd an trioblaid is grunn sgoiltean sa bhaile a' fàs làn.

Thèid casg a chur air an àireamh de sgoilearan ann an còig bun-sgoiltean anns an ath-bhliadhna sgoile.

Tha Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis cuideachd cha mhòr làn.

Thuirt seann Chathraiche an Fhoghlaim, Alasdair Christie, roimhe gum feumar beachdachadh air sgoil Ghàidhlig eile a thogail, leis na tha de dh'iarrtas ann airson àiteachan san sgoil a th' ann.

Coinnichidh Comataidh an Fhoghlaim Diciadain gus suidheachadh nan sgoiltean a dheasbad.

Aithghearrachd

Thuirt Cathraiche na Comataidh, Drew Miller, gum feum iad adhartas a dhèanamh san aithghearrachd.

"Tha uallach air cuid de sgoiltean is taighean ùra air an togail faisg orra", thuirt Mgr Miller.

"Tha uallach mòr air Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis is feumaidh sinn coimhead air na roghainnean a th' ann a thaobh sin.

"Chaidh sgoil ùr a thogail ann am Baile Mhuilinn an Lèigheis bho chionn beagan bhliadhnaichean is chaidh clasaichean ùra a chur ris mar-thà.

"Feumaidh sinn coimhead air an taobh sin den bhaile gu sònraichte is adhartas a dhèanamh cho luath sa ghabhas.

"Tha airgead sa bhuidseat 'son sgoiltean Inbhir Nis. 'S dòcha nach dèan e a' chùis 'son na h-obrach air fad, ach feumaidh sinn adhartas a dhèanamh", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile